An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Ruadh Chorùna"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
Rugadh '''Dòmhnall Ruadh Chorùna''', no Dòmhnall MacDhòmhnaill (1887 - 1967) ann an Corùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an [[Uibhist_a-Tuath|Uibhist a-Tuath]]. Bha am baile air ainmeachadh mar chuimhneachan air a shìn-seanair a bha na shaighdear aig [[Corùna]] san Spàinn ann an 1809.
 
Nuair a dh'fhàg Dòmhnall Sgoil Chàirinis ghabh e anns a' [[mailisi|mhailisi]]. Chaidh e don Fhraing ann an rèisimeid nan Camshronach anns [[An Cogadh Mòr|a' Chogadh Mhòr]] far an deach a leòn aig Blàr [[an Somme]]. Ged a thilleadh dhachaigh e fhad 's a bhathar ga lèigheas thill e don Fhraing. 'S ann mun Chogadh a tha na dàin as ainmeile aig, nam measg 'Air an Somme', 'Illean, March at Ease', 'Oran Arras' agus '''An Eala Bhàn]]'.
 
Nuair a thàinig e dhachaigh às an Fhraing phòs Dòmhnall Anna NicDhòmhnaill (Anna Ruairidh 'ic Nèill) agus bha dithis chloinneadh aca. Bha Dòmhnall ag obair na [[clachaireachd|chlachair]] agus tha a shàr-obair ri faicinn fhathast ann an corra thaigh an Uibhist a-Tuath. Sgrìobh e tòrr bàrdachd mu chùisean-coimhearsnachd agus mu shealg agus nàdar mun àm seo agus na sheann aois theann e ri òrain agus laoidhean spioradail.