An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Trèana"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 4:
Bidh '''trèanaichean''' a' siubhal air [[rathad-iarainn|rathaidean-iarainn]]. Is e sreath de [[carbad|charbadan]] a tha ann an trèana.
 
Tha am facal "trèana" stèidhichte air facal [[Beurla|Bheurla]] air "sreath". B' iad eich a shlaod na carbadan air na ciad rathaidean-iarainn. Ged nach b'urrainn do dh'[[each]] ach [[tunna]] a chuideam a tharraing ann an carbad air rathad-cloiche, thairngneadh e ceithir no còig tunna a chuideam air rathad-iarainn rèidh. Mar sin shlaodadh e tri no ceithir carbadan ann an sreath.
 
Tha seo soilleir bhon [[Achd Phàrlamaid]] a cheadaich togail an rathaid-iarainn eadar Rutherglen is [[Glaschu]] ann an [[1826]]. Shònraich an Achd nach fhaodadh each ach "trì carbadan ann an sreath" a tharraing far am biodh an rathad-iarainn a' dol tarsainn air an rathad àbhaisteach air an t-slighe gu Cidhe a Deas a' Bhroomielaw.