An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seillean"

Content deleted Content added
b r2.5.5) (robot Adding: hy:Մեղու
b robot Modifying: mk:Пчели; cosmetic changes
Loidhne 19:
| AINM_GÀIDHLIG =
}}
Tha '''an seillean''' na [[meanbh-fhrìde|mheanbh-fhrìde]] sgiathach aig am bheil dlùth-cheangail ri [[connspeach|connspeachan]]an agus [[seangan|seanganan]]an. Tha mu 20 000 seòrsaichean foillsichte de sheilleanan air feadh an t-saoghail ann an 9 teaghlaichean aithnichte. Gheibhear air feadh na cruinne iad, ach a-mhàin Antarctica.
 
Tha 18 diofar sheòrsaichean de sheillean ri lorg ann an [[Alba]]. Tha iad uile ag ithe [[poilean]] agus neactar bho fhlùraichean. Tha iad cudthromach gus bàrr agus flùraichean fhiadhaich a phoileanadh. Ann am Breatainn ge-tà, tha àireamh nan seilleanan a' sìor lùghdachadh ri linn 's gum bheil pàircean feòir, boglaichean agus callaidean a' fàs tearc. Chan urrainn don t-seillean thighinn beò gun fhlùraichean.
Loidhne 26:
 
 
'S e an '''seillean mòr buidhe''' a th' anns a' chunnart as motha san àm seo. B' àbhaist gun robh iad rim faotainn air feadh [[Breatainn|Bhreatainn]] gu lèir ach a-nis chan fhaighear lorg orra ach ann an [[Alba]] - anns [[na h-Eileanan Siar]], [[Sealltainn]], [[Arcaibh]] agus cladach an iar-thuath. Gheibhear an fheadhainn a tha a' mairsinn beò air [[croit|croitean]]ean agus [[teàrmainn nàdair]]. 'S e an rud as motha a nì feum dhan t-seillean mhòr bhuidhe gum bheil [[flùr|blàthan]] pailt eadar a' Chèitean agus an t-Sultain gu h-àraidh an t-[[seamrag dhearg fiatghal]] agus an [[cnapan dubh]]. Gheibhear na flùraichean seo air croitean air [[machair]] am bitheantas, mar eisimpleir, air machair [[Uibhist]].<ref>[http://http://www.snh.org.uk/gaelic/Species.asp/ Dualchas Nàdair na h-Alba]</ref>
 
== Saoghal an t-seillein ==
 
Tha [[ban-rìgh]] anns gach [[sgeap]], a' riaghladh agus a' cumail òrdaigh am measg nan seilleanan. Cha [[leumadh sgipe|leum]] sgeap mur falbh i air an ceann, agus ma gheibh i bàs fàsaidh na seilleanan mall nan obair, agus thèid iad mu dheireadh gu neoini.
Loidhne 44:
Tha an seillean a' faotainn molaidh mòr bhon bhàrd, [[Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir]], a rinn òran don t-Samhradh.
<blockquote>
"'S e gu striteach, riabhach, ciar-cheannach<br />
Breac buidhe, stiallach, srian-bhallach,<br />
Gobach, dubhanach, riasgach, iargalta,<br />
Ri gnìomh gu dian mar thuathanach." <ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/leabharlann/mactalla/mactalla3.php/ Mac-Talla, Lùnastal 18, 1894]</ref>
</blockquote>
Loidhne 103:
[[lv:Bites]]
[[mhr:Мӱкш]]
[[mk:ПчелаПчели]]
[[mn:Балт зөгий]]
[[ms:Lebah]]