An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Baile a' Chaolais"

Content deleted Content added
use Commons image
No edit summary
Loidhne 1:
[[File:Balachulish by Lessthankris.jpg|thumb|Baile a' Chaolais]]
'S e baile ann an sgìre na h-[[An Apainn|Apainn]] air a’ [[Comhairle na Gàidhealtachd|Ghàidhealtachd]] a tha ann am '''Baile a' Chaolais''' ([[Beurla]]: ''Ballachulish''). Tha am baile suidhichte air ceann [[Loch Leven|Loch Lìobhainn]] faisg air a' mhòr-rathaid A82. Tha e faisg air [[caol|caolas]] ris an canar ''Caolas Mhic PhadraigMhicPhàdraig''. 'S e seo na [[Co-chomharran an Domhain|co-chomharran]] aige: 56° 40′ 31.18″ Tuath agus 5° 8′ 4.12″ Iar.
 
Anns a' bhliadhna 2001 bha 615 duine a' fuireach an seo.
Loidhne 7:
Bho thùs bha trì bailtean ann: Baile a’ Chaolais, Baile a’ Chaolais a Tuath a tha suidhichte air ceann tuath Loch Lìobhainn agus Baile a’ Chaolais a Deas a tha mu 3 mìltean air àird an iar Baile a’ Chaolais. Tha [[Gleann a' Chaolais]], clachan beag, faisg air Baile a' Chaolais.
 
Cha robh sràid ann gu ceann Loch Lìobhainn gus an deach rathad a thogail ann an 1927. Roimhe sin bha [[aiseag]] ann a bha gu math cudromach airson doighdòigh-bheatha. Thòisich an aiseag a' ruith ann an [[1733]] agus stad i ann an 1975 nuair a bha Drochaid Bhaile a' Chaolais deiseil.
 
Tha an [[drochaid]] suidhichte eadar Baile a' Chaolais fhèin agus Baile a' Chaolais a Deas aig Caolas Mhic PhadraigMhicPhàdraig. Tha e a' leantainn gu Baile a' Chaolais a Tuath air an taobh eile Loch Lìobhainn.
 
Bha Baile a' Chaolais ainmeil airson nan creagaincreagan-sgleatasglèata aigeann. Bha iad a' rèic na sgleataicheansglèatan air feadh na dùthcha agus ann an [[Èirinn]] cuideachd. An-diugh 's e turasachd an gnìomhachas as cudromaiche anns a' bhaile.
 
Tha clach-chuimhneachan [[Seumas a' Ghlinne]] (''James Stewart'') ann faisg air Drochaid Bhaile a' Chaolais. Chaidh Seumas a chrochadh an seo anns an [[8 an t-Sultain]] [[1752]], ged a thuirt e nach do rinn e am muirt. Gus na làithean an-diugh chan eilear cinnteach cò rinn [[Murt na h-Apainn]]. Chleachd [[Robert Louis Stevenson]] an tachartas ud anns an nobhail ainmeil ''Kidnapped'' aige.