An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tiriodh"

Content deleted Content added
No edit summary
bNo edit summary
Loidhne 5:
Tha eilean '''Thiriodh''' anns [[na h-Eileanan a-staigh]], don iar-dheas air [[Eilean Cholla]]. Tha e suidhichte ann an Roinn Comhairle <em>[[Earra-Ghaidheal agus Bòd|Earra-Ghaidheal agus Bhòid]]</em>. Tha timcheall air 800 duine a' fuireach anns an eilean. 'S e eilean ìosal, torrach a th' ann agus a bharrachd air turasachd 's e croitearachd am beò-shlaint as motha aig muinntir an eilein.
 
'S e [[Sgairinis]] prìomh-bhaile Thiriodh. Bidh bataichean-[[aiseag|aiseig]] a' seòladh a Sgairinis gu ruige [[AirighÀirigh nan Gobhar]] air Colla agus [[an t-Òban]] air tir-mòr [[Alba]]. Tha cuideachd port-adhair beag faisg air a' bhaile. A-measg bailtean eile an eilein tha Haoidhnis agus Sanndaig, le taighean-tasgaidh beaga 'san dà chuid.
 
Tha Tiriodh cliùiteach air sgath an Dùin Mhòir, ''broch''[[brugh]] bhon chiad linn RC, Clach a' Choire, clach snaidhte àrsaidh agus airson eòin rubha Cheann a' Bhara. Thathar a' tighinn a Thiriodh cuideachd airson seòladh-clàir agus tha steiseanstèisean-reudairrèadair air an eilean a tha a' cumail sùil air pleanaicheanplèanaichean catharra.
 
Ann an 1770, 's ann le ceithir tuathanaich deug a bha air talamh a thraoghadh airson arbhair agus ionaltraidh a bha darna leth an eilein. Seach a bhith a' cur air falbh crodh beò (a bhiodh tric claoidhte as dèidh an turais fhada don mhargaidh agus air nach fhaighte prìsean àrda), thòisich iad air cur air falbh feòil-mhairt shaillte ann am baraillean, air an robh fèill na bu mhotha. Bha an corr den eilean air a chur a-mach air mhàl do dhà fhichead 's a còig buidhnean de dh'àitreabhaichean air tuathanasan co-chomuinn: buidhnean àiteachaidh a bh' air a bhith ann dh'fhaoidhte o linn nan cinnidhean. Bhathar a' toirt seachad talamh-cruitecroit tro bhot bliadhnail agus bhathar a' taghadh cinn-latha cur agus buain le cheilechèile. Chaidh aithris ann an 1774 gun robh muinntir Thiriodh ''well-clothed and well-fed, having an abundance of corn and cattle''.
 
Tha toglaichean an eilein ainmeil, nam measg 'taighean dubha' agus 'taighean geala' - tha an seann tughadh fhathast air tòrr aca seo - agus na taighean 'breaca' nach fhaighear ach air an eilean, far a bheil an t-aol air a pheantadh geal.
Loidhne 17:
Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil an t-ainm a' ciallachadh 'Eilean an Arbhair', air sgath mar a bhiodh Tiristich a' reic gràn do na manaich ann an Abaid Eilein I, air an ear-dheas, agus don Aba Calum Cille (b. 597), san t-siathamh linn. Bha grunn mhanachainn Crìosdail Ceilteach ann an Tiriodh fhèin aig aon am, agus tha clachan snaidhte ann an corra àite bhon linn seo, me. Teampull Naomh Phàdraig, Ceann a' Bhara (NL 938 401) agus Soiribidh(NL 984 416).
 
Chaidh port-adhair feachd an adhair ([[RAF]]) a thogail air Tiriodh tron [[Darna Cogadh]] agus chaidh a chleachadhchleachdadh mar phort-adhair chatharra as dèidh a' Chogaidh. Bha cuideachd Stèisean-reudairrèadair RAF aig Cill Choinnich agus fear eile aig Beinn HoughHogh. Bha stèisean-tamaill aig Goirtean DhomhnaillDhòmhnaill rompa seo agus as dèidh a' Chogaidh bha stèisean-reudair ROTOR aig an RAF aig Beinn GhottGhot.
 
 
== Eagar Earra Ghaidheal ==
(25.06.2010) Dh'fhoillsich <em lang="en">Scottish Renewable Power</em>, aig toiseach Òg Mhios 2010, sgeama 's an amharc, a thogail tuathanas gaoithe de 500 muilnean air an Sgeir Mhòir 5km iar-dheas a Tiriodh. Cosgaidh an leasachadh seo mu £6,000,000,000 BreatainneachBreatannach agus tha dùil gun aobharaich e àrdachadh sluagh an Eilein bho 800 daoine gu 1100 daoine, le ceudan a-barrachd air sin a' comhnaidh air an eilean fad 's a bhios an obair togail a' dol air adhart.
 
==Ceanglaichean a-mach==