An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 44:
Bha a’ Ghàidhlig aig a h-àrd ìre san 11mh linn. Ach nuair a phòs Máel Coluim III (Maol-Chaluim Ceann Mòr) Margaret ann an 1071, b’ i a’ Bheurla cànan a chùirt, agus thòisich crìonadh na Gàidhlig bhon sin. Bha cùisean air an dèanamh nas miosa leis a’ gheur-leanmhainn a rinneadh air a Ghàidhlig, le mì-leasan malairteach agus le daoine a’ tighinn a-staigh as ùr. Tha e coltach ge-tà gun robh an sluagh fhathast a' bruidhinn na Gàidhlig gu 1400.
 
Mun àm seo, thòisich an cànan a' fàs diofraichte bho GàidhligGhàidhlig na h-Èireann.
[[File:RossScotLang1400.JPG|thumb|220px|Aon smuain air an dealachadh chànain ann an 1400]]
 
Thòisich a' GàidhligGhàidhlig a' crìonadh air tìr-mhór na h-Alba mu thoiseach na 13mh linn agus leis a-seo thòisich i a bhith a' call a h-inbhe mar chànan nàiseanta. Mu thoiseach na 15mh linn bha sgeul air tighinn [[Mì rùn mòr nan Gall]] agus cò-strì eadar na h-Albannaich Ghàidhealach agus na h-Albannaich Gallda. Ged a bhàsaich a' Ghàidhlig anns a' chuid as motha den [[Galldachd|Ghalldachd]] bha i fhathast ga bruidhinn ann am pàirtean mar [[Charraig]] agus na [[Gall-Ghàidhealaibh|Ghall-Gàidhealaibh]] cho fadalach ris an 18mh linn.
 
Anns na bliadhnaichean moch anns an 16mh linn, dh'atharraich na Goill ainm na Gàidhlig bho Scottis gu "Erse" (agus sin a' ciallachadh Èireannach). Chleachdadh "Scottis" bhon uair sin mar ainm airson buidheann de [[dual-chainnt|dhual-chainntean]] a dh'fhàs bho Bheurla Meadhan Aoisean (Middle English) a bha ga bruidhinn am broinn [[Rìoghachd na h-Alba]]). Chruthaich sin sgaradh eadar na daoine ann an Alba aig an àm agus chunnacas na Gàidheil mar sluagh chèin.