An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig"

Chaidh 1 bhaidht a thoirt air falbh ,  11 bhliadhna air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
b (r2.7.1) (robot Adding: fy:Skotsk-Gaelysk)
No edit summary
| Teacsa =
}}
'S ei cànan dùthchasach na h-[[Alba]] a th' anns '''a' Ghàidhlig'''. Tha mu 58,552 ga bruidhinn ann an Alba.
 
== Teaghlach Cànain ==
'S i ball den teaghlach de [[Cànanan Ceilteach|chànanan Ceilteach]] dhen mheur [[Goidhealach|Ghoidhealach]] a tha anns a' Ghàidhlig. Tha Goidhelach a' gabhail a-steach na cànanan Gàidhealach gu lèir; Gàidhlig na h-Alba, [[Gaeilge|Gàidhlig na h-Èireann]], agus [[Gaelg|Gàidhlig Mhanainn]] agus gu dearbh chan eil anns an fhacal "Goidhealach" ach seann fhacal a tha a' ciallachadh "Gàidhealach". Tha a h-uile cànan Gàidhealach air fàs bhon t-[[seann Ghàidhlig]] a bhathar a' bruidhinn o chionn còrr is mìle bliadhna - an cànan ris an canar "Old Irish" mar is trice anns [[a' Bheurla]] ged a bhiodh "Old Gaelic" nas cuimsich. Ann an Alba cànarcanar "Scottish Gaelic", "Scots Gaelic" no gu tric "Gaelic" a-mhain ris a' chànan. Air taobh a-muigh na h-Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh na Gàidhlig mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am [[Beurla na h-Alba]] oir tha ciall an dara facal seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhith a' ciallachadh na Beurla Gallda ris an canar "Scots", "Lowland Scots" no "Lallans", agus "Doric" anns a chainnt fhèin. 'S i a' Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na [[Gàidheil]] agus tha ceangail daingeann aice ri [[Gàidhlig na h-Èireann]]. Ge-ta, tha àite fhathast aig a' Ghàidhlig ann an [[dualchas na h-Alba]] agus cha do chaill i a-riamh a h-inbhe gu lèir mar chànan nàiseanta na h-Alba agus 's iomadh Albannach a bhios ag aithneachadh an àite chudromaich aice anns an dùthaich agus ann an eachdraidh na dùthcha. Ach cuiridh feadhainn eile dì-meas oirre mar chànan roinneil gun àite no eachdraidh ach air [[a' Ghaidhealtachd]] agus ann an [[Innse Gall]].
 
[[File:240px-Sanas.jpg|thumb|240px|right|Tha ainmean-àite ann an litreachadh Gàidhlig a' fàs nas cumanta air sanasan-rathaid air feadh na Gàidhealtachd.]]
28

deasachadh