An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Basgais"

Content deleted Content added
Loidhne 81:
=== Inbhe oifigeach ===
[[File:Navarra - Zonificacion linguistica.svg|thumb|Inbhe oifigeach na Basgaise ann an Nafarroa]]
'S Laideann, Spàinnis agus an Fhrangais na cànan aig an robh inbhe oifigeach gu eachdraidheil air feadh Dùthaich nam Basgach. Ge-tà, bha seòrse de dh'inbhe aig a' Bhasgais ann an cuid de na sgìrean. Mar eisimpleir, bha [[Fueros|cairt ionadail]] ann an gleann [[Ojacastro]] far an robh Basgais ann aig àm ged a tha e san [[La Rioja (An Spàinn)|La Rioja]] an-diugh a thug cead do na Basgaich an cànan a chleachdadh ann am pròiseasan laghail san 13mh is 14mh linn.
 
Tha inbhe co-oifigeach aig a' chànan sa [[Choimhearsnachd Fhèin-riaghlaidh Bhasgach]] agus cuid dhe na sgìrean ann an Nafarroa. Chan eil inbhe oifigeach aig a' chànan anns an Fhraing fhathast agus chan urrainnear a chleachdadh anns na cùirtean a bharrachd. Gu h-annasach, tha cead aig Basgaich Spàinnteach an cànan a chleachdadh sna cùirtean san Fhraing a chionn 's gu bheil e na chànan oifigeach air taobh eile na crìche.