An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bilbao"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 17:
}}
 
‘S e [[baile]] uabhasach mòr agus [[port]] gu math cudromach ann an ceann a tuath [[An Spàinn|na Spàinne]] a th’ ann '''Bilbo''' neo '''Bilbao'''.<ref>[http://www.euskaltzaindia.net Euskaltzaindia]</ref> Thathar dhen bheachd gur ann às a’ [[Basgais|Bhasgais]] ''Bil-Ibaia-Bao'', a tha a’ ciallachadh ''Caladh na h-Aibhne,'' a th’ann an t-ainm,<ref>Quiroga, Ramón; Marrodán, Miguel Ángel (2001). Bilbao: 700 años de historia. Abanto y Ciérvana. p. 115. ISBN 84-9314943-8</ref> ged a tha feadhainn eile a’ cumail a’ dol gur e dìreach ainm [[Spàinntis]] a th’ann, Bello Vado (Àite-coise Brèagha). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[1300]].<ref>Tusell Gómez, Javier (2004). Bilbao a través de su Historia. Bilbao. p. 212. ISBN 84-95163-91-8</ref> Tha Bilbao suidhichte eadar 19m agus 689m os cionn ìre na [[Muir|mara]] (33m ann am meadhan)<ref>[http://population.mongabay.com/population/spain/3128026/bilbao Mongabay]</ref> faisg air [[Bàgh|a' bhàgh]] Biscay, ri taobh inbhir [[Abhainn|na h-aibhnichean]] Nervión agus Ibaizabal.<ref>[http://ietb.bizkaia.net IETB Bizkaia]</ref> Tha Bilbao 329km air falbh bho [[Madrid|Mhadrid]], prìomh-bhaile na Spàinne, agus 50km bho [[Vitoria-Gasteiz|Ghasteiz]], prìomh-bhaile Dùthaich nam Basgach<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 353,187 daoine a’ fuireach ann am Bilbao,<ref>[http://www.ine.es/ Cunntas-sluaigh na Spàinne]</ref> am baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach,<ref>[http://www.eustat.es Eustat]</ref> agus an 10mh baile as motha na Spàinne. <ref>[http://world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=abcdefghinoq&msz=1500&geo=-72 Bailtean na Cruinne]</ref> A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na [[Roinn Bizkaia|Roinne Bizkaia]] a th'ann cuideachd.
 
==Bailtean Co-cheangailte==