An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 27:
‘S e dìreach Pàrlamaid na h-Alba, gu h-iongantach, a tha air tomalt ùr a thoirt air ais dhuibh, ged nach do dheànadh iad cho math idir ann an taghaidhean na h-Alba ann an [[1999]], [[2003]] neo [[2007]]. Chan eil an cuid bhòtaichean dhan Phàrlamaid ann an Lunnainn air atharrachadh mòran co-dhiù. Bhuannaich iad aon sheat bho na Nàiseantaich anns na taghaidhean aig ìre na Breatainne Mòire ann an [[2001]] ach chaill iad seataichean dha na Làbaraich ann an [[2005]].
 
Mholadh gun atharrachadh ainm a’ phàirtidh air ais do Phàrtaidh Tòraidh agus an Aonaidh airson gum biodh iad na bu fhaicsinnich ann am poiliteags, ach chan eil sin air a bhith so-dhèanta fhathast oir chan eilear airson ainm de dhaoine bhuidheannach ann an Èirinn a Tuatha fhaighinn agus o chionns gu bheil Pàrtaidh an Aonaidh eile ann mar-thà ann an Alba.<ref>[http://www.scottishunionistparty.co.uk/ Scottish Unionist Party]</ref> Mhol [[Murchadh Friseal]] neo-eisimeileachd a’ phàirtidh neo dìreach càirdeas eatorra agus na Tòraidhean ann an Sasainn mar a tha eadar [[CDU]]-[[CSU]] anns [[A' Ghearmailt]]. Fiù’s mhol Brian Monteith gun gabhadh iad taic do fhèin-riaghlaigh ionmhasail seadh nach dh’fhàgadh orra gu robh iad an aghaidh na h-Alba agus, mu dheireadh thall, bha Iain Bùchan airson taic a ghabhadh do neo-eisimeileachd na dùthcha. Ach, aig an ìre seo, chan eilear ag atharrachadh an cuid smuaintean poiliteagach bunaiteach.
 
==BPA làithreach (2007-)==