An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 13:
}}
 
‘S e earrann Albannach Pàrtidh Libearal Deamocratach Bhreatainn air fad a th’ann '''Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba''' is chaidh am pàrtaidh seo a chruthachadh ann an [[1988]] tro aonadh a’ Phàirtidh Libearal còmhla ris a’ Phàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba. Tha 16 seataichean dhe 129 air fad aca ann am [[Pàrlamaid na h-Alba]], 12 ann an [[Lunnainn]] (dhe 59 do dh’ Alba) a bharrachd air seachnar buill anns [[A’ Bhruiseal]]. ‘S e [[Tabhais Scott]] a th’ann Rùnaire a’ Phàirtidh, [[Calum Brus]] a th’ann an ceann-suidhe agus [[Michael Moore]] a th’ann an neach-labhairt. Tha 4,000 buill a’ phàirtidh air feadh na h-Alba.
'S e pàrtaidh ann an [[Alba]] a tha ann am '''Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba'''.
 
Ged a tha iad an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba tha iad dhen bheachd gum bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba tuilleadh cumhachdan fhaighinn, gu seachd àraidh conaltradh, lùth, drogaichean agus casg-bhreith. Tha iad gu math neo-eisimeileach dhen phàrtaidh ann an Lunnainn.
 
Bha am pàrtaidh an sàs anns an iomairt airson fèin-riaghlaidh ann an Alba, mar phàirt do prògram feadarail a’ phàirtidh do Bhreatainn air fad, is iad an sàs cuideachd ann an Co-chruinneachadh Nàiseanta na h-Alba còmhla ris na [[Pàrtaidh Làbarach na h-Alba|Làbaraich]], [[Pàrtaidh Uaine na h-Alba]], aonaidhean-ciùird agus eaglaisean. Fhuair iad 17 seataichean ann am Pàrlamaid na h-Alba aig na taghaidhean Albannach ann an [[1999]] is stèidhich iad co-bhann leis na Làbaraich, airson atharrachadh ann an lagh taobh chaitheamh an fhoghlaim is mion-atharrachadh ann an siostam taghadh na h-Alba. Chaidh ceannard a’ Phàrtaidh, [[Seumas Uallas]], na mhinistear an fhoghlaim ann an Alba agus na mhinistear a’ cheartais, a bharrachd air a bhith na àrd-mhinistear nuair a bha [[Domhnall Mac An Deòir]] tinn. Chaidh dreuchdan ministearan na co-bhanntachd air atharrachadh ri linn taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an [[2003]] is bha Uallas na mhinistear ghnothaich an uair sin. Leig Uallas a dreuchd air an 23mh latha dhen [[An t-Ògmhios| Ògmhios]] [[2005]] is chaidh [[Nicol MacStèaphain]] a thaghadh mar cheannard.
 
Anns an [[An Dùbhlachd|Dùbhlachd]] [[2007]] thug iadsan, na Làbaraich agus na [[Pàrtaidh Tòraidheachd na h-Alba|Tòraidhean]] taic do choimisean airson tuilleadh fèin-riaghlaidh am broinn na Breatainne Mòire a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba. Bha na Nàiseantaich air Còmhradh Nàiseanta a chur air dòigh ro-làimh, nach chumadh neo-eisimeileachd na h-Alba a-mach co-dhiù.
 
Fhuair iad seataichean a bharrachd aig taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an [[2007]]. Dhiùlt iad moladh bho na Nàiseantaich airson Riaghaltas co-bhonn a stèidheachadh leis a’ Phàrtaidh Uaine, oir bha iad an aghaidh referendum mu neo-eisimeileachd na h-Alba. Leig MacStèaphain a dreuchd air an dàrna latha dhen [[An t-Iuchar|Iuchar]] [[2008]] is chaidh Tabhais Scott a thaghadh mar cheannard na àite.
 
 
==Iomraidhean==