An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Co-chaidreachas Ghranada"

Content deleted Content added
Loidhne 21:
 
‘S e na atharrachaidhean dhe [[1853]] a thòisich pròiseas na feadaraileachd anns an dùthaich. Chaidh a’ chiad stàit fheadarail a chur air dòigh air an 27mh latha dhen [[An Gearran|Ghearran]] [[1855]]: Panama. Cha b’ fhada gun do lean [[Antioquia (Roinn)|Antioquia]] (11mh [[An t-Ògmhios]] [[1856]]) agus [[Santander (Roinn)|Santander]] (13mh [[An Cèitean]] [[1857]]). Sgrìobh còmhdhail na Poblachd lagh ùr ann an reachdas gus sgaoileadh na dùthcha a sheachnadh, air 15mh latha dhen [[An t-Ògmhios|Ògmhios]] [[1857]]. Chruthaich an lagh sin sreath dhe stàitean le fèin-ùghdarras, mar a leanas: Bolívar, Boyacá, Cauca, Cundinamarca agus Magdalena. Chaidh an Stàit Tolima a stèidheachadh air an 12mh latha dhen [[An t-Iuchar|Iuchar]] [[1861]] air na sgìrean air an àirde an iar [[Cundinamarca (Roinn)|Chundinamarca]].
 
Chaidh co-chruinneachadh a chur air dòigh ann an [[1858]] ach bha làmh an uachdair aig na [[Tòraidhean]]. Thug iad Co-chaidreachas Ghranada Ùire air an dùthaich is dh’ainmich iad [[Tunja]] mar phrìomh-bhaile na Stàitean. Rinn iad sin air adhbharan samhlachail air sgàth gur e fear dhe na bailtean na bu thìr-ghràdhaiche na dùthcha a bh’ann Tunja, neo Creathail agus Taigh-oibre na Saorsa ([[Spàinntis]]: Cuna y Taller de la Libertad) mar a thuirt [[Simón Bolívar]] o shean. Dh’ fhàs a’ cho-chaidreachas a bhith uabhasach lag air sàilleabh còmhstri brùideil eadar na Libearalaich agus na Tòraidhean, is le sin chaill na feadarailich an cumhachd.
 
== Iomraidhean ==