An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 14:
}}
 
B’ e '''Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire''', '''Leas-Rìoghachd Shantafé''' neo '''Leas-Rìoghachd na Rìoghachd Ùire Ghranada''' colonaidh [[An Spàinn|Spàinnteach]] thall ann an [[Na h-Aimearagan|Aimearaga]], am broinn Iompaireachd na Spàinne. Chuireadh an colonaidh sin air dòigh beag air bheag eadar [[1717]]–[[1723]], [[1739]]–[[1810]] agus [[1816]]–[[1819]], nuair a bha làmh-an-uachdair aig na Spàinntich ann an Aimearaga air fad. ‘S e an Rìgh [[Felipe V]] <ref>[http://www.laguia2000.com/espana/virreinato-de-nueva-granada La Guía 2000]</ref> a bha os cionn a’ gnothaich, a thòisich ann an [[1717]] mar phàirt dhe na polasaidhean ùra aig na [[Borbón]], ged an do chuir iad crìoch air sin ann an [[1723]], air adhbharan taobh airgid. Thòisich an sgeama sin a-rithist ann an [[1739]] gus an do rinn ar-a-mach an neo-eisimeileachd a’ chùis ann an [[1810]], nuair a dh’fhàg na Borbón an gnothach gu tur. Chuir an Rìgh Spàinnteach [[Fernando VII]] ruaig air na reubaltaich ann an [[1815]], gus an do bhuannaich na reubaltaich iomairt chruaidh, is le sin chaill na Spàinntich an colonaidh sin mu dheireadh thall, ann an [[1819]].<ref>[http://www.mailxmail.com/curso-historia-espana/virreinato-nueva-granada Historia de España]</ref>
 
Bha prìomh-bhaile na Leas Rìoghachd ann an Santa Fe, neo [[Bogotá]] ris an canar e an latha an-diugh.<ref>[http://www.britannica.com/EBchecked/topic/411531/Viceroyalty-of-New-Granada Encyclopædia Britannica]</ref> Fhuair an dùthaich seula a’ bhaile cuideachd. ‘S e prìomh-bhaile [[Coloimbia|Choloimbia]] a th’ann Bogotá gus na làithean againne, leis an aon seula fhathast. Bha na dùthchannan ris an canar [[Coloimbia]], [[Panama]], [[Eacuador]] agus [[A' Bheiniseala]] an latha an-diugh uile na bhroinn.<ref>[http://www.claseshistoria.com/america/colonial-virreinatos-nuevagranada.html Clases de Historia]</ref> 'S e colonaidh mu làr a bh'ann an Leas-Rìoghachd sin, rud a dh'adhbharaich trioblaid dha na Spàinntich an siud, mu dheireadh thall.<ref>[http://www.herodote.net/histoire/synthese.php?ID=324 Herodote]</ref>