An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cath Raon Ruairidh"

Content deleted Content added
b robot Adding: ga:Cath Raon Ruairidh
Loidhne 3:
 
==Am Blàr==
Nuair a chuala Claibhears gun robh MacAoidh a' dèanamh air [[Blàr Athall|Caisteal Blàr Athaill]] a bha Pàdraig Stiùbhart à Baile Eachainn a' ghlèidheadh airson nan Seumasach, chaidh e ri a shabaid le mu 2,400 saighdear. Am measg rèiseamaidean nam fineachan Gàidhlig air taobh nan Seumasach bha Clann MhicGillethain, Dòmhnallaich Chlann Raghnaill, Dòmhnallaich Ghleann Gharadh, [[Clann Chamshron|Camshronaich Loch Iall]], Dòmhnallaich Shlèite, agus [[Rob Ruadh MacGriogair]] (is e fhathast glè òg).
 
Bha aig MacAoidh leis an 3,500 saighdear aige ri dhol troimhe cadha Choille Chneagaidh, far a bheil [[Gleann Gar]] glè chumhang. Bha feachd Chlaibheirs ann roimhe is ga fheitheamh air an suidheachadh gu math suas leathad Raoin Ruairidh, beagan tuath air a' chadha. Chaidh feachd MhicAoidh a chur an òrdugh dìreach far a bheil rathad mòr an A9 an-diugh, is iad a' coimhead an ear-thuath suas leathad. Nuair a ràinig iad arm Claibheirs, thòisich iad ri losgadh orra, ach cha b' urrainn dhaibh ionnsaigh a chur orra suas am bruthach. An àite sin, aig seachd uairean feasgar thug na Gàidheil ionnsaigh orrasan a bha cho luath nach b' urrainn don fheachd MhicAoidh na [[Beigneid|beigneidean]] aca a chur air na gunnachan.