An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Guy de Maupassant"

Content deleted Content added
Loidhne 9:
==Teaghlach==
‘S e seann teaghlach beartach a bhuineadh do [[Lorraine]] o shin, ach air a stèidheachadh anns an Normandaidh bho mheadhan na [[19mh Linn|19mh linne]] a bh’ann na Maupassant. Phòs athair Ghuy, Gustave de Maupassant, le Laure le Poittevin ann an [[1846]], is ise nighean a bhuineadh do teaghlach gu math bùirdeasach. ‘S e cairdean [[Gustave Flaubert]], a bh’innte is a bràthair Albert: Thug Flaubert, mac dotair lannsa à [[Rouen]] agus sàr ùghdair Fraingeach cuideachd, buaidh mhòr air beatha Ghuy de Maupassant. ‘S e boireannach fa leth foghlaimte a bh’ann Laure le Poittevin agus bha i uabhasach dèidheil air an litreachas clasagach, gu seachd àraidh [[William Shakespeare]]. Rugadh Hervé, am bràthair beag aig Guy, ann an [[1856]]. Theich Laure le Poittevin bhon a’ fhear-chèile ann an [[1860]] o chionns nach robh e cho tairiseach dhi, agus chaidh i gu [[Étretat]] leis an dithis mhac aice. Chaochail i an dèidh a chuid chloinne is a fear-chèile.
 
==Leabhraichean==