An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Guy de Maupassant"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
[[File: Maupassant 2.jpg|thumb|right|200px|Guy de Maupassant]]
 
B’ e Guy de Maupassant, neo Henry-René-Albert-Guy de Maupassant, ùghdair [[An Fhraing|Fraingeach]]. Rugadh e air 5mh latha dhen [[An Lùnasdal|Lùnasdal]] [[1850]] anns a’ Chaisteal Miromesnil ann an [[Tourville-sur-Arques]] [[(Normandaidh)]] agus chaochail e air an 6mh latha dhen [[An t-Iuchar|Iuchar]] [[1893]] ann am [[Paris]].<ref>[http://www.britannica.com/EBchecked/topic/369995/Guy-de-Maupassant Encyclopædia Britannica]</ref><ref>[http://www.larousse.fr/encyclopedie/personnage/Maupassant/132339 Encyclopédie Larousse]</ref>
 
Bha e gu math dlùth air [[Gustave Flaubert]] agus [[Émile Zola]], agus thug e buaidh mhòr air litreachas na Frainge leis na sia nobhailean aige, Une Vie [[1883]], Bel-Ami [[1885]], Pierre et Jean [[1887]]-[[1888]] nam measg, ach gu seachd àraidh leis a chuid sgeulachdan (còrr is 300) mar Boule de Suif [[1880]], les Contes de la bécasse [[1883]] neo le Horla [[1887]]. Tha a chuid obrach cho tarraingeach oir tha i làn fìorachas neartmhor, aogas mòr gaotharlanachd agus air sàilleabh an eu-dòchais a sgaoileas i gu tric, ach cuideachd o chionns gu bheil stoidhle fìor-mhath aige.