An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Guy de Maupassant"

Content deleted Content added
Created page with 'thumb|right|200px|Guy de Maupassant B’ e Guy de Maupassant, neo Henry-René-Albert-Guy de Maupassant, ùghdair Fraingeach. Rugadh e a...'
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 20:59, 24 dhen t-Samhain 2010

B’ e Guy de Maupassant, neo Henry-René-Albert-Guy de Maupassant, ùghdair Fraingeach. Rugadh e air 5mh latha dhen Lùnasdal 1850 anns a’ Chaisteal Miromesnil ann an Tourville-sur-Arques (Normandaidh) agus chaochail e air an 6mh latha dhen Iuchar 1893 ann am Paris.

Guy de Maupassant

Bha e gu math dlùth air Gustave Flaubert agus Émile Zola, agus thug e buaidh mhòr air litreachas na Frainge leis na sia nobhailean aige, Une Vie 1883, Bel-Ami 1885, Pierre et Jean 1887-1888 nam measg, ach gu seachd àraidh leis a chuid sgeulachdan (còrr is 300) mar Boule de Suif 1880, les Contes de la bécasse 1883 neo le Horla 1887. Tha a chuid obrach cho tarraingeach oir tha i làn fìorachas neartmhor, aogas mòr gaotharlanachd agus air sàilleabh an eu-dòchais a sgaoileas i gu tric, ach cuideachd o chionns gu bheil stoidhle fìor-mhath aige.

Cha robh Guy de Maupassant an sàs anns an litreachas ach fad deichead – bho 1880 gu ruige 1890 – oir dh’fhàs e, beag air bheag, neo-ciallach gus a bhàsaich e aig dìreach 42 bliadhna a dh’aois. Ainmeil nuair a bha e beò, tha Guy de Maupassant fhathast gu math cliùiteach gus an latha an-diugh, agus tha na sgrìobh e a bhith a dhol bho neart gu neart is a chuid obrach e a’ nochdadh daonnan anns na filmichean.

Leabhraichean