An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rathad-iarainn"

Content deleted Content added
b robot Modifying: et:Raudteetransport
Loidhne 14:
== Eachdraidh ==
 
Chaidh turachadh air '''rathaidean nan gad''' ann an [[Sasainn|Sasuinn]] mun bhliadhna 1604. Is ann as fiodh a rinneadh na gadan do na rathadaibh nan gad bu thraithe agus b'e cumhachd eich a tharruinn na uaganain a chaidh orra. Chaidh toiseach air cleachdadh gadan iarainn bho meadhan an 18mh linn, agus bho toiseach an 19mh linn chuireadh beirtcarbadan-taruinn iomainte le stothsmuid an gniomh. Ré na 1820'n rinn [[Nicholas Wood]] an rannsachadh a dhearbh bun-saidheans an rathaid-iarainn, agus an luib sin, eadar 1825 agus 1840, chaidh leasachadh ana-mhor air an teicneolas. A roimhe 1850, leigeadh na cnaimhean de branndairean naiseanta agus eadar-naiseanta air feadh Eorpa.
 
Tha an sgriobhadh eachdraidheil bu sine mu rathad nan gad a' nochdadh ann an cuise laghail Sasunnach a chaidh air eisdeachd an 1604. B'e cnap na cuise gu robh fear seilbh mheinne-ghuail air cuir "tylting rails" tharais air fearann (a bha an seilbh fear eile) eadar beul a mheinn agus laimrig air [[Abhainn na Sebheirn]] ann an Siorramachd Nottinghaim.
Loidhne 26:
Is ann an 1722 a chaidh togail air a' chiad ród-uagain an [[Alba]], eadar [[Ród-uagain Tranent agus Cockenzie|Tranent agus Cockenzie]] air Raon ghuail a Lódaidh, agus is ann an 1754 a chaidh fhosgail air a chiad ród-uagain an [[Eireann]], eadar an slochd ghuail aig Drum Glas an [[Contae Tir Éoghainn]] agus canal leth mhile air falbh.
Thuraich an t-inneal smuid róthadachd aig [[Seumas Bhatt]] ann an 1784, inneal steidhichte a bha seo a chleachd smuid bho goilear fa-leth aig bruthaich gu math iosal. Taobh a-steachd deich bliadhna thoisich an Córnach [[Risteard Trevithick]] a thogail innealan “paisgte” air an robh an goilear na bunachar don inneal fhein agus a chleachd “smuid laidir” aig bruthaicheas suas ri 40 punnd air an oirleach chearnag ( 2.5 ailean). Thog Trevethick inneal smuid fein-ghluasad cho trath ri 1801 agus ann an 1804 rinn e inneal a ruitheadh air gadan airson fear a sheilbh obraichean iarainn agus rathad trama aig Pen-y-Darren an Cymru a Deas. Dhearbh an inneal a thog Trebhethic gum b'urrainn do inneal stoith a tharruinn cuid uagain na sguain, ach cha deach an cleachdadh an aite nan each a bha nan modh tarruinn abhaisteach aig an am.
 
 
== Faic cuideachd ==