An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Basgais"

Content deleted Content added
b robot Modifying: bar:Baskische Sproch
b robot Adding: pnb:باسک; cosmetic changes
Loidhne 37:
A bharrachd air a' bhun-tomhas, tha sia prìomh dhual-chainntean ann, [[Bizkaiera]], [[Gipuzkera]], [[Nafarrera Uachdarach]], [[Nafarrera Ìochdarach]] is [[Zuberera]]. Ged a tha iad seo air an ainmeachadh a-rèir ainmean nan roinnean, cha cho-ionnan sgìre nan roinnean is sgìrean nan dual-chainntean.
 
== Ainmean a' chànain ==
'S e ''Euskara'' ainm oifigeach a' chànain (le grunn ainmean eile sna dual-chainntean eadar ''Euskuara, Eüskara, Uskara, Auskera, Üskaa'' is feadhainn eile mar sin). Tha dhà no trì teòraigean seasmhach ann an-diugh mu fhreumh an ainm.
 
Loidhne 51:
Tha ainm eile ann sa Spàinnis nach eilear a' cleachdadh gu tric tuilleadh, ''Vascuence'', on Laideann ''vasconĭce'',<ref>{{cite web|url=http://buscon.rae.es/draeI/SrvltConsulta?TIPO_BUS=3&LEMA=vascuence|title=Diccionario de la lengua española|publisher=Real Academia Española|dateformat=mdy|accessdate=22 Samhain 2008}}</ref> ach thog an t-ainm sinn droch bhlas thairis air na linntean 's cha toigh leis na Basgaich e idir. Tha e a' dol air ais dhan 14mh linn air a' char as lugha ge-tà, le lagh à [[Huesca]] ann an 1349 ag ràdh ''Item nuyl corridor nonsia usado que faga mercadería ninguna que compre nin venda entre ningunas personas, faulando en algaravia nin en abraych nin en basquenç: et qui lo fara pague por coto XXX sol'' - ag ràdh gu bheilear a' cur càin 30 [[Sol Frangach|sol]] air bruidhinn [[Arabais|na h-Arabais]], [[Eabhra]] no Vascuence (Basgais) air margaidean ann an Huesca.
 
== Eachdraidh is seòrsachadh ==
Ged a tha [[Cànain Ròmanach]] [[Cànain Innd-eòrpach|Innd-eòrpach]] ceithir timcheall a' chànain, 's e [[cànan aonaranach]] a tha sa Bhasgais. 'S ise tè mu dheireadh de na cànain ro-Innd-eòrpach anns an [[Roinn Eòrpa]] a tha innte.<ref name="Trask"/> Air sgàth sin, cha gabh eachdraidh nam faclan sgrùdadh tron [[dòigh choimeasach]] ach a-mhàin tro coimeas nan dual-chainntean.
 
Loidhne 58:
On nach robh ùidh mhòr aig na Ròmanaich ann an sgìrean beanntach Aquitania 's iad dèidheil air an talamh rèidh, chaidh aig a' chànan mairsinn beò fhad 's a bhàsaich na cànain eile mar [[Ibeiris]] is [[Tartesis]]. Gahbh a' Bhasgais ri iomadh facal-iasaid tro eadar-mhalairt leis na cànain mun cuairt oirre, a' tòiseachadh le Laideann, an uairsin [[Gasconais]] san ear-thuath, Fraingis, Spàinntis is an-diugh fiù Beurla.
 
=== Beachd-bharailean air ceanglaichean ri cànain eile ===
A chionn 's nach b' urrainn do sgoilearan an cànan a cheangal ris na cànain Innd-Eòrpach eile, thug iad sùil na b' fharsainge mun cuairt. Am measg iomadh faoin-bheachd, tha feadhainn ann a tha nas saidheansail ach a dh'aindeoin sin, cha deach teòraig shaidheansail sam bith a stèidheachadh a fhuair aonta farsain gu ruige seo agus tha a' mhòrchuid dhiubh ro-chonnspaideach fhathast agus thathat a' coimhead air a' chànan mar fhear aonaranach fhathast.
 
Loidhne 68:
* Tha an cànanaiche [[A' Ghearmailt|Gearmailteach]] [[Theo Vennemann]] a' cur nar sùilean gu bheil [[fo-bhreath]] [[Cànain bhasgonach|basgonach]] ri fhaicinn ann an ainmean-àite na Roinn Eòrpa air sgàth seann sluagh basgonach a bha na shinnsear dhan Bhasgais.<ref>[http://www.germanistik.uni-muenchen.de/germanistische_linguistik/TV/Vennemann.htm Theo Vennemann homepage]</ref> Ach a-rithist, chan eil a' mhòrchuid dhe na sgoilearan Basgach a' gabhail ri seo.<ref name="Trask"/>
 
== Làithreachd a' chànain ==
[[File:Euskara.png|thumb|180px|left|Ceudad nam fileantach (tha na sgìrean far nach eilear a' bruidhinn Basgais san roinn 0-4%).]]
 
Loidhne 78:
Chrìon a' Bhasgais gu grad ann an Araba is Nafarroa sna 1800an. Ge-tà, am cois èirigh [[Nàiseantachas Basgach|nàiseantachais Bhasgaich]] is dàn a' chànan an teis meadhan na h-iomairt 's i na prìomh chomharra nàiseantachd ann an sùilean nan daoine, thill ann cànan am measg na feadhainn òga ann an sgìrean mar Araba, anns [[na h-Encartaciones]] is cuid de Nafarroa.
 
=== Inbhe oifigeach ===
[[File:Navarra - Zonificacion linguistica.svg|thumb|Inbhe oifigeach na Basgaise ann an Nafarroa]]
'S Laideann, Spàinnis agus an Fhrangais na cànan aig an robh inbhe oifigeach gu eachdraidheil air feadh Dùthaich nam Basgach. Ge-tà, bha seòrse de dh'inbhe aig a' Bhasgais ann an cuid de na sgìrean. Mar eisimpleir, bha [[Fueros|cairt ionadail]] ann an gleann [[Ojacastro]] far an robh Basgais ann aig àm ged a tha e san [[La Rioja]] an-diugh a thug cead do na Basgaich an cànan a chleachdadh ann am pròiseasan laghail san 13mh is 14mh linn.
Loidhne 86:
Tha rianachd gach roinne a' brosnachadh a' chànain aig ìre eadar-dhealaichte. Thathar ga bhrosnachadh gu làidir sa Choimhearsnachd Fhèin-riaghlaidh ach gu fann san Fhraing. Tha an taic a gheibh an cànan ann an Nafarroa a' crochadh air dè an roinn dhen dùthaich sa bheilear. Stèidhich riaghaltas Nafarroa roinntean eadar-dhealaichte - roinn Bhasgach san tuath, roinn bhreac ann am meadhan na dùthcha is roinn neo-Bhasgach san deas leis an "Ley de Vascuence" ("Lagh na Basgais"), rud a tha air leth connspaideach am measg nam Basgach.
 
=== Àireamhan luchd-labhairt ===
[[File:Linguistic map Southwestern Europe.gif|thumb|250px|right|Mapa de chrìonadh is sgaoileadh a' chànain is a nàbaidhean eadar a' bhliadhna 1000 is 2000]]
Sheall an t-Suirbhidh Shòiseo-chànanach 2006 de gach ceàrn dhen dùthaich na leanas am measg an t-sluaigh os cionn aois 16:<ref name=IVInkesta/>
Loidhne 95:
Còmhla, bha 665,800 duine ann aig an robh Basgais ann an 2006 (aois 16 is na bu sine) a-mach à sluagh iomlan de 2,589,600 (1,850,500 sa Choimhearsnachd Fhèin-riaghlaidh, 230,200 ann an Iparralde agus 508,900 ann an Nafarroa). Sin 25.7% de labhraichean dà-chànanach, 15.4% de labhraichean fulangach is 58.9% de dhaoine gun Bhasgais. Sin piseach air àireamhan 1991 o 528,500 (a-mach à sluagh de 2,371,100 ann an 1991) gu 665,800 (ann an 2006)<ref name=IVInkesta/>
 
=== Dual-chainntean ===
[[File:Bonaparte euskalki mapa.jpg|thumb|250px|right|Mapa nan dual-chainntean Basgach a rinn [[Louis-Lucien Bonaparte]] ann an 1869.]]
Tha sgaradh mòr eadar dual-chainntean an latha an-diugh agus tha e doirbh do dhaoine aig a bheil diofar dual-chainntean tuigsinn a chèile uaireannan mur eil Batua aca. Tha sinn gu h-àraid fìor mu [[Zuberera|dhual-chainnt Zuberoa]] a tha gu math eadar/dhealaichte o chàch.
Loidhne 108:
* [[Zuberera]]
 
== Iomraidhean ==
<references/>
 
Loidhne 180:
[[oc:Basc]]
[[pl:Język baskijski]]
[[pnb:باسک]]
[[pt:Língua basca]]
[[qu:Yuskara simi]]