An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Frauenkirche"

Content deleted Content added
+ iw
No edit summary
Loidhne 1:
[[File:100130 150006 Dresden Frauenkirche winter blue sky-2.jpg|thumb|right|Frauenkirche ann an Dresden]]
'S i am '''Frauenkirche''' (Eaglais nam Ban) ann an [[Dresden]] aon dhe na h-eaglaisean as àile anns an stoidhle baroc. Chaidh an eaglais a thogail eadar 1726 is 1743.
 
== An seann eaglais ==
 
Bha [[eaglais]] bheag anns an àite seo bhon 11mh linn a-mach ris an canar ''Kirche zu unser liuben Vrouwen''. Tha an t-ainm a' ciallachadh: "Eaglais do ar mnà gràdhaiche" agus a' toirt urram do [[Moire|Mhoire]]. Is dòcha gum b' e sin an eaglais a bu shine a bha ann an Dresden. Anns an [[An t-Ath-Leasachadh| Àth-leasachadh]] dh’atharraich an [[Eaglais Caitligeach|Eaglais Chaitligeach]] chun na h-Eaglaise [[Pròstanach|Pròstanaiche]]. Aig toiseach na 18mh linn bha an eaglais a' fhàs seann, bha eagal air muinntir Dresden gum biodh i a' briseadh. Agus cha robh i mòr gu leòr airson àireamh an luchd crèideamh a bha a' fàs gu math luath. Mar sin chaidh an eaglais seo a chur sìos ann an 1727.
 
== Am Frauenkirche ==
 
Chaidh an eaglais ùr, am Frauenkirche, a thogail eadar 1726 is 1743 a-rèir na planaichean a chruthaich George Bähr. Bha an rìgh ''August der Starke'' ag iarraidh eaglais anns an stoidhle coltach ris an àrd-eaglais anns an [[Rome]] no an eaglais ''Santa Maria della Saluteno'' ann an [[Venice]].
Line 10 ⟶ 14:
 
Chaochaill George Bähr [[16 am Màrt]] [[1738]] ann an Dresden, còig bliadhna mus robh am Frauenkirche deiseil. Chaidh a thiodhlacadh am broinn na h-eaglaise.
 
== An Dàrna Cogadh ==
 
[[File:Bundesarchiv Bild 183-60015-0002, Dresden, Denkmal Martin Luther, Frauenkirche, Ruine.jpg|thumb|righ|200px|Tobhta na h-eaglaise, le clach-cuimhne [[Martin Luther|Mhàrtainn Lùtair]] air a beulaibh]]
Line 17 ⟶ 23:
 
Bhon bhliadhna 1982 a-mach thòisich coinneamhan-sìthe a bhith ann an seo cuideachd. Gach 13mh an Gearran bhathar a' coinneachadh an seo gu math sàmhach agus a' toirt [[flùr]]aichean agus coinnlean ris an tobhta. Aig an deireadh , ann an 1989, bha nas motha na 10.000 duine a' gabhail pàirt anns a' ghluasad sìthe seo. Mu dheireadh thall bha sin a' leantainn, (le tachtarsan eile) gu ath-aontachadh na Gearmailt ann an 1989.
 
== Ath-thogail ==
 
An dèidh ath-aontachadh na Gearmailt thòiseachadh air an eaglais a thogail a-rithist anns an stoidhle tùsail ann an 1994. Bha mòran daoine is buidhnean eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail an sàs anns an obair seo. Mar eisimpleir chruthaich Alan Smith à [[Lunnainn]] crois ùr an stìobaill. B’ esan mac an athair a b' e aon de na stiùireadairean plèana a chuir bomaichean air Dresden. <ref>[http://news.bbc.co.uk/2/hi/uk_news/225369.stm Naidheachdan BBC]</ref>