An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Frauenkirche"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 14:
Anns [[an Dàrna Cogadh]] bha Dresden air a mhilleadh gu mòr air , gu h-àraidh eadar an 13mh is 15mh dhen Ghearran 1945 nuair a chaidh mòran bhomaichean a' leigeil air a' bhaile leis na [[An Rìoghachd Aonaichte|Breatannaich]] is na h-[[Na Stàitean Aonaichte|Aimearaganaich]]. Bha na bomaichean a' losgadh an t-seann-bhaile agus bha am Frauenkirche air a milleadh leis an teine mhòr. Bha an teine am broinn na h-eaglaise cho teth ri 1200° C, mar sin bhris na clachan-ghainmhich às a chèile. Aig 10 uairean sa mhadainn 15 an Gearran bhris na ballaichean às a chèile agus bha an dome a' tuiteam am broinn an togalaich.
 
An dèidh a' chogaidh, aig àm GDR ann an 1962, dh’iarr comhairle a' bhaile pàirce- càraichean a chur an àite. Ach bha muinntir Dhresden an-aghaidh a' phlana sin. Chleachd iad na tobhtaichean gus cuimhe a thoirt don fheadhainn às an teaghlach aca a chaidh a mharbhadh anns a' chogaidh, gu h-àraidh don fheadhainn a bha air an caill gun tiodhlacadh ceart. Chuir iad rosan ris na clachan briste. Mar sin dh’fhàs an àite seo cudromach mar chuimhneachan-daoine agus iomhaigh an-aghaidh chogaidhean.
 
Bhon bhliadhna 1982 a-mach thòisich coinneamhan-sìthe a bhith ann an seo cuideachd. Gach 13mh an Gearran bhathar a' coinneachadh an seo gu math sàmhach agus a' toirt [[flùr]]aichean agus coinnlean ris an tobhta. Aig an deireadh , ann an 1989, bha nas motha na 10.000 duine a' gabhail pàirt anns a' ghluasad sìthe seo. Mu dheireadh thall bha sin a' leantainn, (le tachtarsan eile) gu ath-aontachadh na Gearmailt ann an 1989.
 
Aig àm GDR bha an tobhta na chuimhneachan-cogaidh. Ach anAn dèidh ath-aontachadh na Gearmailt thòiseachadh air an eaglais a thogail a-rithist anns an stoidhle tùsail ann an 1994. Bha mòran daoine is buidhnean eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail an sàs anns an obair seo. Mar eisimpleir chruthaich Alan Smith à [[Lunnainn]] crois ùr an stìobaill. B’ esan mac an athair a b' e aon de na stiùireadairean plèana a chuir bomaichean air Dresden. <ref>[http://news.bbc.co.uk/2/hi/uk_news/225369.stm Naidheachdan BBC]</ref>
 
Anns an [[30 an Damhair]] [[2005]] bha a' chiad [[aifreann]] a-rithist anns am Frauenkirche. An-diugh 's e samhla na rèiteachd is na sìthe a tha anns am Frauenkirche.