An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Frauenkirche"

Content deleted Content added
a' leudachadh
No edit summary
Loidhne 10:
Tha an dome cho àird ri 96 m agus cho trom ri 12.000 tunna. Tha e coltach ri clag agus canar ''die Steinerne Glocke'' (clach-clag) ris. Bha deasbad mòr ann am biodh an togalach seamhach gu leòr airson a bhith a' seasamh ris a' chuideam. Ach bha, agus bha am Frauenkirche ri fhaicinn bho astar fada ann am bun-sgòth Dresden airson 200 bliadhna.
 
Chaochaill George Bähr [[16 am Màrt]] [[1738]] ann an Dresden, còig bliadhna mus robh am Frauenkirche deiseil. Chaidh a thiodhlacadh am broinn na h-eaglaise.
 
 
An dèidh bomadh Dresden bha an eaglais air a milleadh le teine mòr. Bhris na ballaichean às a chèile an ath-latha. Aig àm GDR bha an tobhta na chuimhneachan-cogaidh. Ach an dèidh ath-aontachadh na Gearmailt thòiseachadh air an eaglais a thogail a-rithist anns an stoidhle tùsail ann an 1994. Bha mòran daoine is buidhnean eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail an sàs anns an obair seo. Mar eisimpleir chruthaich Alan Smith à [[Lunnainn]] crois ùr an stìobaill. B’ esan mac an athair a b' e aon de na stiùireadairean plèana a chuir bomaichean air Dresden. <ref>[http://news.bbc.co.uk/2/hi/uk_news/225369.stm Naidheachdan BBC]</ref>