An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Thüringen"

Content deleted Content added
b robot Adding: sw:Thuringia
b robot Modifying: th:รัฐทือริงเงิน; cosmetic changes
Loidhne 6:
|-
|- align="center"
| style="background: #f0f0f0;width: 145px;" |[[ImageFile:Flag of Thuringia.svg|150px|Landesflagge]]</div> <!-- [[Flagge Thüringens|Details]] --> <br />
| style="background: #ffffff;width: 145px;" | [[ImageFile:Coat of arms of Thuringia.svg|80px|Landeswappen]]
|-
| align="center" width="140px" | [[Bratach na dùthcha]]
Loidhne 38:
|-
|}
Is e saor-stàit [[a' Ghearmailt|Ghearmailteach]] a tha ann an '''Thüringen'''. Tha Erfurt ann am meadhan na dùthcha na phrìomh-bhaile.
 
== Suidheachadh ==
 
Tha Thüringen anns an taobh an ear na Gearmailt. Mu thimcheall tha na stàitean [[Sagsainn Iosail]], [[Sagsainn-Anhalt]], [[Sagsainn]], [[Bavaria|Bayern]] agus [[Hesse|Hessen]]n.
 
Is iad na bailtean as motha : Erfurt, Gera, Jena agus Weimar. Tha an àireamh shluaigh de na bailtean eile nas lugha na 50.000.
[[ImageFile:Deutschland_Lage_von_Thüringen.svg|thumb|right|Suidheachadh Thüringen]]
 
 
== Cruinn-eòlas ==
 
=== Cruth na tìre ===
Anns an tuath tha earran bheag de na beanntan [[Harz]]. Anns an earra-dheas tha an Thüringer Wald (coille Thuringia), beanntan le tòrr choilltean. Tha slighe fhada chliùiteach an-seo air a bheil “Rennsteig” mar ainm. Is e a’ bheinn as airde am Großer Beerberg le 982 m. Anns an ear tha an dùthaich rèidh. Is e Thuringia ris an canar „an cridhe uine na Gearmailt“.
 
=== Aibhnichean ===
* Saale
* Ilm
* Werra
* Unstrut
* weiße Elster.
 
=== Lochan ===
Chan eil lochan mòra ann an Thüringen.
 
 
== Eaconomaidh ==
Tha glainne, deideagan, poitean agus aodaich air an dèanamh agus tha tòrr fhactoraidhean ag obair le fiodh agus [[meatailt]]. Tha Jena ainmeil airson inneal- fradhairc. Ann an Eisenach tha factoraidhean Opel agus Bosch.
 
Tha [[àiteachas]] cudthròmach cuideachd.
Tha cruithneachd, èorna agus biatas-siùcar air am plantadh anns an dùthaich rèidh. Anns na gleanntann tha lusan agus measan a’ fàs.
 
== Eachdraidh ==
 
Gus am bliadhna 1920 bha Thüringen ri moinn ann an stàitean eadar-dhealaichte agus air a riagladh le diùic. An dèidh a’ [[An Cogadh Mòr|chiad cogadh]] chaidh na stàitean seo a chuir ri cheile gu aon stàit leis a’ phrìomh-bhaile Weimar. Chaidh a’ chiad Poblachd na Gearmailt a stèidheachadh a-mhàin ann am Weimar ann an 1919. Chaidh crìoch a chur air ann an 1933 nuair a thàinig [[Hitler]] agus a’ phartaidh Nasach gu cumhachd. An dèidh [[an Dàrna Cogadh]] dh’ fhuirich Thüringen anns a’ phàirt Rùiseach agus an uair sin dh’ fhàs e na phàirt dhen DDR. Ann 1989 thuit Balla [[Berlin|Bherlin]] agus chaidh [[a' Ghearmailt]] aonachadh.
 
=== Àitichean eachdraidheal ===
 
Is e àite-eachdraidheil ann an Thüringen a tha ann am Weimar. Dh’ fhuirich an dithis sgrìobhadairean Gearmailteach as ainmeile, [[Johann Wolfgang von Goethe]] agus [[Friedrich Schiller]] an-seo fàd bhliadhnachan. Tha na taighean aca nan taighean–taisgaidh an-diugh. Tha an seann bhaile glè bhrèagha agus tha mòran luchd-turais a’ tighinn airson fhaicinn.
 
[[ImageFile:Wartburg_eisenach1.jpg|thumb|right|Caisteal Wartburg]]
 
Is e àite eile cliùiteach a tha anns a’ Wartburg. Is e caisteal a th’ ann air cnoc àrd faisg air Eisenach. B’e [[Màrtainn Lùtair]] am fear-àiteachaidh a b’ ainmeile. Dh’ fhuirich e anns a’ chaisteal bho 1520 gu 1522 fo tèarmunn an riaghladair de Weimar agus dh’eadar-theangaich e am [[Bioball]] an-seo.
 
[[ImageFile:Lutherstube.JPG|thumb|right|Seòmar Lùtair, far an do dh’eadar-theangaich e am bioball]]
 
Is e àite brèagha a th’ ann an seann bhaile Erfurt leis an eaglais mhòr, togte anns an darna linn deug. Chaidh Màrtainn Lùtair don [[Oilthigh Erfurt]].
 
== Daoine cudthromach ==
 
Rugadh fireanaich agus boireanaich cudthromach ann an Thüringen:
Fireannaich-ciùil:
* [[Johann Sebastian Bach]]
* [[Franz Liszt]]
Dealbhadairean:
* Till Riemenschneider
* [[Lucas Cranach]]
* Otto Dix
Bha Carl Zeiss a’ stèidheachadh a’ ghnìomhachas inneal-fradhairc.
 
== Biadh agus deoch ==
 
Nuair bhitheas sibh ann an Thüringen, bu chòir dhuibh Thüringer Bratwurst fheuchainn. Is isbean blàsda a th’ ann. Agus feuchaibh ri leann dubh „Köstritzer“ òl.
 
== Ceangal a-mach ==
* [http://www.thueringen.de/en/ Duilleag oifigeil Thüringen]
 
{{Stàitean anns A' Ghearmailt}}
 
[[categoryCategory: A' Ghearmailt]]
 
[[af:Thüringen]]
Loidhne 187:
[[sv:Thüringen]]
[[sw:Thuringia]]
[[th:รัฐทูริงเง่นทือริงเงิน]]
[[tr:Thüringen]]
[[uk:Тюрингія]]