An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Daibhidh MacDhùnleibh"

Content deleted Content added
b robot Adding: zh-min-nan:David Livingstone; cosmetic changes
Loidhne 1:
[[File:David Livingstone.jpg|right|thumb|250px|Daibhidh MacDhùnleibh]]
 
'S e aon de na rannsaichearan as ainmeile mu Afraga a bha ann an '''Daibhidh MacDhùnleibh''' ([[Beurla]]:''David Livingstone''). Rugadh e faisg air [[Baile an t-Saoir]] [[19 am Màrt]] [[1813]] agus chaochail e [[1 an Cèitean]] [[1873]] faisg air ''Lake Bangweulu'' ann an Saimbia.
<!-- An Gàidheal Do-aithnichte: Dealbh '''Dhaibhidh Mhic Dhùnlèibh''' An e e abairt Gàidhleach mu '''Daibhidh MacDhùnleibh a th' ann an "An Gàidheal Do-aithnichte"? Ma bhios, cuir air ais don aiste e-->
 
== Òigridh agus Foghlam ==
Ri taobh na h-aibhne, a ruitheas eadar Bail’ an t-saoir agus Bothwell ann an [[Siorrachd Lannraig]], lorgar togalach a chaidh a thogail anns an [[18mh Linn]], a’ tabhainn do mhuinntir an àite ionad far am faigheadh obair, rugadh Daibhidh Mac Dhùnlèibh, an darna mhac ann an teaghlach Nèill Mhic Dhùnlèibh, a bha pòsta aig Agnes Hunter. Ged nach b’e ach baile beag a bha ann am Bail’ an t-saoir, dh’fhàs e thairis air ceud bliadhna gu bhith na bhaile meinnearachd agus a’ crochadh air luchd-obrach a thigeadh à Èirinn agus sgìrean air [[Gàidhealtachd na h-Alba|a’ Ghàidhealtachd]] mar an ceudna. Aig an àm a rugadh Daibhidh, cha robh ach 2,000 duine a’ fuireach agus a’ tighinn beò sa bhaile, agus mar thoradh air sin, ’s urrainn dhuinn dealbh fhaighinn nar n-inntinn mar sgìre dhùthchail, iomallach, bheag, aodhaireil. Bheireadh an tìr buaidh nach bu bheag air inntinn òg Dhaibhidh; bhiodh e feumail agus cuideachail dha na dhreuchd a thagh e na b’ an-moiche na bheatha.
An cois Gort a’ Bhuntàta anns na 1790an air Ulbha, far costa Mhuile ann an [[Earra-Ghàidheal]], thèich cha mhòr gach duine bhon eilean, a’ sìreadh beatha nach robh cho gàbhaidh. Thuinich a’ chuid a bu mhotha dhiubh ann an [[Canada]] agus [[Aimearaga-a-Tuath|Ameireaga-a-Tuath]], ach dh’fhàg Niall, seanair Dhaibhidh, Ulbha airson tìr nach robh idir cho coimheach; bhathar eòlach air cliù na Galldachd aig an àm airson tabhainn do theaghlaichean ann an èiginn fastadh teàrainte, agus far nach coinneachadh iad ri gort a leithid ris an tàinig iad trast air a’ Ghàidhealtachd. Mar thoradh air sgìlean agus urram a bha aig Niall (bha comas leughaidh aige anns a’ Bheurla agus comas labhairt anns [[Gàidhlig|a’ Ghàidhlig]] mar aon. Thigeadh seo gu bhith cho feumail fhad sa dhòirt tòrr mhuinntir às na Ghàidhealtachd a-steach anns na sgìrean mu chuairt Ghlaschu; agus fhuair e deagh thaic bhon fhoirfich co-cheangailte ris an eaglais a dh’fhàg e), thug e buaidh air an luchd-fastaidh, agus fhuair e obair ann am banca. Bha a theaghlach air tighinn gu beatha ùr.
Dh’fhàs teaghlach Nèill (Daibhidh agus a bhràithrean agus a pheathraichean) eòlach air cultar nan Gàidheal bho stòras domhainn, beartaich, ’s e sin ri ràdh bho ghlùin an seanmhar. Dh’innseadh i sgeulachdan, agus ghabhadh i òrain Gàidhlig ris an luchd-èisteachd òg. Chunnaic Daibhidh, anns an àm a bha ri teachd bhon taigh bhochd ud, co-shìn eadar cultar nan Gàidheal, far a bheil aithris sgeulachdan agus òrain aig teis-meadhan na beatha, agus cultar nan Afraganach, a chaith am beatha-obrach anns an aon dòigh; agus a’ dèanamh an obair na b’ aotroime agus na bu thlachdmhòire dhaibh. Dh’fhaodmaiad a ràdh gun robh bloigh de thuigse aig inntinn òg ar gaisgich air a’ Ghàidhlig, ged a bha e air a chuairteachadh ri cultar [[Beurla Ghallda|Beurla Gallda]]. Gu dearbh, thugadh (agus bheireadh) tòrr sgrìobhadairean am beachd gur e deagh bhàrr-shampaill cumadh Gall a bhuin ri cultar na [[Galldachd]] a bh’ ann. ’S ann bho bhun-smaoin [[John Knox]] a gheibhear am feallsanachd “beus-obrach Phròstanaich”, agus theireamaid gu deimhinnt gun cuireamaid Daibhidh anns an dream sin.
Ach dè mu dheidhinn na beatha-obrach aige? Thòisich e, thathar ag innse dhuinn, obair anns a’ mhuileann aig deich bliadhna a dh’aois, ag obair bho shia ’s a’ mhadainn gu ochd air an oidhche, sia làithean a-mach à seachd. Às dèidh dha a chuid obrach a chrìochnachadh gach feasgar, lìbhrigeadh foghlam dha, còmhla ris a’ chloinn eile. Mhàir seo gu deich air an oidhche, agus aig fìor dheireadh na h-oidhche, tuigeamaid gum biodh inbheach sgìth leis an oidhirp, fiù ’s balach a bha fhathast ri sreap gu inbhe! Thugadh an cruadal seo buaidh air, ach ann an dòigh fhàbharach, bhuannachadh. Thuirt seann thuathanach ris an do dh’obrach MacDhùnlèibh gun robh am balach drìpeil fad na h-ùine – ach cha b’ ann ris an obair a bha fa-near dha a dhèanamh! Bha sròn Dhaibhidh an-còmhnaidh stuigte ann an leabhar air choireigin!
Mar a thug e ceumannan air adhart na chuid fhoghlam, fhuair e treanadh ann an [[Laideann]] agus Greigeis Chlasaigeach. Fhad ’s a bha e trang a’ cumail a shùl air an obair, bha sùil eile aige dluth-choimhead air leabhar gramarach no saidheansail. Thuigeamaid gun robh gaol domhainn agus acras mòr air a’ bhalach a-chum fiosrachadh ar [[An Saoghal|saoghail]] a spionnadh a-mach à leabhraichean agus a chur gu feum na bheatha làitheil. Ach bha inntinn iomadh-fhillte aige, agus cha do lìon e a inntinn ri faoineasan agus caran an t-saoghail, mar a theireadh a cho-aoisich dha; fhuair e bainne spioradail bho athair, a bhiodh ga bheathachadh agus a dh’àlaich toraidhean an spioraid dha anns an lèir-ùine. ’S e fìor-chreideamhach a bh’ ann an athair Dhaibhidh, ach chaidh Niall agus a theaghlach an aghaidh eaglais an latha; lean teaghlach Nèill conaire na h-Eaglais Soisgeulaiche, an àite reachdan agus tuigse an eaglais stèidhichte, Eaglais na h-Alba.
Ach cha chuireamaid casaid air Daibhidh gur e creideamhach gruamach, rag a bh’ ann. Gu dearbh, rinn e fhèin gearan agus casaid an aghaidh co-obrach àraid ann an Afraga, bliadhanaichean air dha Bail’ an t-saoir fhagail, ag ràdh gun robh e a’ leantainn riaghailtean na Sàbaid gu litearach. Leis an dòigh seo, chaidh MacDhùnLèibh ann an cas-ceum [[Ìosa Chrìosd|Iosa]] a gheibhear anns a’ [[Bìoball|Bhìoball]] – duine nach robh idir eagalach a’ saltradh air gnàthasan an latha, nuair a chuir Iosa barrachd cliù ann a bhith na creideamhach a’ leantainn astar tròcair agus ath-thruas. Is cinnteach gun robh ar gaisgeach fad eòlach air teagasg a’ Bhiobaill, ge b’e cho no-co-aimsireil nar latha ’s a tha e. Ach is e riatanach gun tuigear an seòrsa duine a bha ann; duine a thuig teachdaireachd agus spiorad nan Sgriobtar, seach nam falcan lòm fhèin.
Loidhne 19:
Co-dhiù, fhad ’s a bha e a’ cur eòlas air an t-saoghal ma chuairt, na splaoidean beaga air an deach e anns na coilltean agus seachrain aige air bruaichean na Cluaidh, chruinnich e agus thrusadh e lùsan agus eile a bhiodh a’ fàs air an dùthaich. Bhiodh an inntinn dualtach ri sgrùdadh-mionaideach aige gu tùr cuideachail dha, a’ clàradh ainmhidhein agus lùsan na dhùthcha fhèin agus ann an Afraga.
Leis an adhartais a rinneadh ann an [[cànan|cànanan]]an agus [[saidheans]] mus deach e dhan oilthigh, bha fìor uidheamachd cheud-fhàthach aige a-chum foghlam aig ìre na b’ àirde a thòiseachadh. Ann an 1836, aig tòiseach an t-seimeastair, chaidh e fhèin agus athair air cois, eadar Bail’ an t-saoir agus [[Glaschu]], ochd miltean a dh’fhaide, a’ falbh a’ chiad rud anns a’ mhadainn. Fhuair e àite-fuirich ann an Glaschu, ach am broinn ùine bige, thàinig e a-steach air nach robh an t-àite-fuirich iomchaidh dha, agus dh’fhàg e agus a’ sìreadh àite na bu fhreagarraiche. Cha deach mòran ùine seachad gus an do lorg e fear, agus aig a’ cheann thall ghluas e a-steach, agus a’ gabhail còmhnaidh fad a’ chiad sheimeastar ann an Glaschu (ach air saor-làithean).
 
Rè an cuid foghlaim aige, sheall e claonadh anns na saidheansan, gu dearbh anns an laboratoraidh chuimigich. Bha aige ri caraidean ùra a dhèanamh aig an oilthigh, ach cha robh sin idir na dùbhlan dha. Dh’fhàg e buaidh math agus maireannach air oileanach agus oraidichean mar aon, agus bha e na sgoilear dìcheallach. Fad na h-uine, rinn e meòrachadh air bileag (no duilleag-làimhe) a fhuair e anns an eaglais ann am paraiste ris an deach e, trì miltean air falbh bho Bhail an t-saoir ann an Hamaltan. Leugh e le geur-ùidh, feasgar na Sàbaid àraid air dhàsan a’ bhileag a thogail, gun robh comann teachdaire (no “''mission society''”) a’ sìreadh dhaoine aig an robh teisteanas bho oilthigh ann an diadhachd AGUS ann an leigheas. Ged a chuir e fòcas aige air cuairt a choileanadh a Shìona, far an robh am feum mòr airson dotairean agus ministearan nam facal, thòisich an Cogadh Opium eadar Breatann agus [[Sìona]], agus mar thoradh air sin, ghluas fòcas MhicDhùnlèibh aig a’ cheall thall do àite co-ionnanach ann am feum – tìr-mòr [[Afraga]].
Às dèidh dha cuireadh fhaighinn gus treanadh a thòiseacheadh ann an Lunnainn, agus a’ dol tro nan deuchainnean gu soirbheachail ge b’e dàil no dhà bho oraidiche no dhà os-cionn obair-ceartachaidh agus siostam measaidh aig a’ chomann, thàinig e tuilleadh is barrachd follaiseach gun robh oileanach air leth comasach nan làmhan. A-rithist, dh’fhàg Daibhidh deagh mhiannan agus buaidh mhòr air gach duine ris an do thachair e ann an Lunnainn. Ach bho àm gu àm, dh’èirich ann an Albannach òg colna agus fearg agus, mar a chùm cuid a-mach, dìorrasach a leithid nach deach a lorg anns a cho-aoiseach. An d’ fhuair e, mar dìleab air nach robhar ag iarraidh, mì-ghnèithealachd bho a shinnsearan Ghàidhealach? An e foinnich pàirt do-sgaradh am-measg nan Gàidheal? Theireadh am-measg cultaran agus a’ beachdachadh oirnn, gu bheil inntinn Gàidheal luath agus dualtach ri tionndadh gu fearg gun rabhadh. Agus lean am faoin-shamhla seo MacDhùnlèibh tro a bheatha uile, ged a chuir e a’ chuid a bu mhotha dhaoine aig fois am-measg a chompanaich, le teò-chridheach agus an nàdar ciùin a ghabh còmhnaidh ann na bu thrice na rinn fearg a-riamh.
Loidhne 38:
 
== Ceanglaichean a-mach ==
* [http://www.archive.org/search.php?query=mediatype%3A(texts)%20-contributor%3Agutenberg%20AND%20(subject%3A%22Livingstone%2C%20David%2C%201813-1873%22%20OR%20creator%3A%22Livingstone%2C%20David%2C%201813-1873%22) Internet Archive] Leabraichean a sgrìobh MacDhùnleibh no a tha a' dèiligeadh le MacDhùnleibh] (Beurla)
* [http://www.gutenberg.org/browse/authors/l#a519 Daibhidh MacDhùnleibh aig Proiseact Gutenberg] (Beurla)
** ''[http://www.gutenberg.net/etext/1039 Missionary Travels and Researches in South Africa]''
** ''[http://www.gutenberg.net/etext/2519 A Popular Account of Dr Livingstone's Expedition to the Zambesi and its Tributaries]''
** ''[http://www.gutenberg.net/etext/13262 The Personal Life of David Livingstone]''
 
{{Commonscat|David Livingstone|Daibhidh MacDhùnleibh}}
Loidhne 98:
[[vi:David Livingstone]]
[[zh:戴维·利文斯通]]
[[zh-min-nan:David Livingstone]]