An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Prionnsa Teàrlach Stiùbhart"

Content deleted Content added
b robot Modifying: es:Carlos Eduardo Estuardo; cosmetic changes
Loidhne 1:
{| border=1 align=right cellpadding=4 cellspacing=0 width=300 style="margin: 0 0 1em 1em; background: #f9f9f9; border: 1px #aaa solid; border-collapse: collapse; font-size: 95%;"
|-
| style="background:#cedff2" align="center" colspan=2 |<big><big>''' Am [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart]] '''<br /> [[ImageFile:Bonnie prince charlie.JPG|thumb|100px|center|Am Prionnsa goirid mus tug e Alba air]]
|-
|-
Loidhne 15:
| style="background:#efefef;" align="center" colspan=2 |''' Ainm bàistidh (Beurla): '''
|-
| align="left" colspan=2 | Charles Edward Louis John Casimir<br />Silvester Severino Maria Stuart
|-
|''' Taigh rìoghail '''||[[Rìghrean na h-Alba#Na Stiùbhartaich|Na Stiùbhartaich]]
Loidhne 32:
|}
 
== Breith agus Òigridh ==
Air an latha mu dheireadh dhen bhliadhna 1720, rugadh leanaibh mic do [[Rìghrean na h-Alba#Na Stiùbhartaich|theaghlach rìoghail nan Stiùbhartach]] anns [[an Ròimh]]. B' e esan Teàrlach Eideard Stiùbhart, mac [[Rìgh Seumas VIII na h-Alba agus III Shasainn|Rìgh Sheumais VIII is III]] agus oighre dligheach [[Crùn Bhreatainn]]. Rinn mòran dhaoine gairdeachas mu naidheachd a bhreith oir bha seo a' toirt dòchas ùr do [[na Seumasaich]] gum faigheadh Tigh Rìoghail nan Stiùbhartach an crùn, a chaill iad an [[1688]] agus a bha a-nise le [[Tigh Rìoghail Hanobhair]], air ais dhaibh fhèin.
 
Chaidh am Prionnsa a thogail na fhògarrach fada bho [[Bhreatainn]]. Bha fhios aige bho bha e glè òg mu chòir a theaghlaich air Crùn Bhreatainn - dùthaich far nach fhaodadh e a dhol. Chuir e roimhe gum faigheadh e air ais e nuair a bhiodh an t-àm ceart.
 
== Bliadhna Theàrlaich ==
 
=== Carson a' Ghàidhealtachd? ===
Tha ceangal mòr eadar ainm Theàrlaich agus [[Gàidheal|Gàidheil Alba]]. Bha e earbsach asta agus cha b' ann gun adhbhar, oir bhiodh muinntir na [[Gàidhealtachd na h-Alba|Gàidhealtachd]], àite iomallach beanntanach a bha doirbh dhan riaghaltas smachd a chumail air, a-riamh a' toirt taic dha [[na Seumasaich]] fo bhuaidh an cinn-cinnidh. 'S ann aig aois còig bliadhna fhichead a dh'fheuch Teàrlach ri Crùn a shinnsirean fhaighinn air ais. Dh'fhàg e [[an Fhraing]] mu mheadhan an t-samhraidh, [[1745]], agus cha b' fhada gus an robh e air tìr ann an [[Alba]], an [[Eilean Eirisgeigh]]. Cha robh dùil aig na fineachan [[na Seumasaich|Seumasach]] ri leithid aig an àm ud, agus bha a' chuid a bu mhotha dhe na [[cinn-cinnidh]] dhen bharail nach robh cùisean fàbharrach dhaibh. Ach mean air mhean chruinnich na Gaidheil còmhla ris, agus iad deiseal sabaid airson còir a theaghlaich.
 
=== Toiseach tòiseachaidh ===
Air an naoidheamh latha deug dhen Lùnastal, chaidh bratach rìoghail nan [[Rìghrean na h-Alba#Na Stùbhartaich|Stiùbhartach]] a thogail ri crann ann an [[Gleann Fhionghain]]. Ghluais [[na Seumasaich]] chun an ear gun dàil agus ràinig iad [[Coire Ghearraig]] ach cha robh sgeul air na [[Tigh Rìoghail Hanobhair|Hanobharianaich]]. Ràinig iad [[Peairt]] agus an sin chaidh am Prionnsa a ghairm na Rìgh an àite athair, [[Rìgh Seumas VIII na h-Alba agus III Shasainn|Rìgh Seumas VIII]]. [[ImageFile:Glenfinnan bay.jpg|thumb|Cuimhneachan a thogadh do na fineachan Seumasach]]
 
Ràinig iad [[Dùn Èideann]] agus bha am baile sin aca gun strì sam bith, agus bha mòran sa bhaile deònach fàilte a chur air Teàrlach. Mu dheireadh, choinnich [[na Seumasaich]] ri na [[Tigh Rìoghail Hanobhair|Hanobharianaich]]. Air 21mh Sultain aig [[Blàr Sliabh a' Chlamhain]], goirid às dèidh briseadh-latha madainn foghair, chaidh an t-arm dearg, leis [[An Seanalair Iain Cope|an t-seanalair Iain Cope]] aig an ceann, a ruagadh.
 
=== A-staigh do Shasainn ===
Bha Alba a-nis fo bhratach a' Phrionnsa agus cho luath agus a bha a h-uile càil an òrdugh, thionndaidh e aghaidh air Sasainn. Chaidh iad a-null air a' chrìoch agus ràinig iad [[Carlisle]]. An dèidh sin chùm iad orra gu [[Dàrbaidh]], agus cha do dh'èirich na Sasannaich nan aghaidh mar a bha dùil. Cha bu mhotha a thàinig an cuideachadh a chaidh a ghealltainn dhaibh às an Fhraing. Bha arm Theàrlaich a-nis mu astar 130 mìle bho [[Lunnainn]] agus chuir seo eagal air [[an darna Rìgh Deòrsa|Rìgh Deòrsa]] agus muinntir a' bhaile sin. [[ImageFile:Bonnieprince1.jpg|thumb|Ìomhaigh dhen a' Phrionnsa Teàrlach a chaidh a chur an àrd an Dàrbaidh]]
 
=== An ratreut gu Alba ===
Ach bha [[Uilleam Augustus, Diùc Cumberland|Diùc Uilleam]] air ceithir feachdan dhen arm dhearg a chur ann an ceithir bailtean sònraichte airson na Seumasaich a chuartachadh. Thuig [[am Morair Seòras Moireach]] dè a bha fa-near dhaibh. Ghairm e comhairle-chogaidh agus chomhairlich e dhan Phrionnsa tilleadh gu tuath sa bhad. B' fheudar dhan Phrionnsa sin a dhèanamh.
 
Chaidh an t-arm [[na Seumasaich|Seumasach]] thairis air an Abhainn Esk agus a-staigh a dh'Alba a-rithist air 20mh Dùbhlachd. Air 17mh Faoilteach [[1746]], chaidh [[Blàr na h-Eaglaise Brice]] a chur agus thug arm a' Phrionnsa buaidh eile air feachdan an riaghaltais, an turas seo fo chommand an t-[[An Seanalair Hawley|Seanalair Hawley]].
 
=== Cùil Lodair ===
Ach bha mòr-fheachd an riaghaltais, fo chommand [[Uilleam Augustus, Diùc Cumberland|Diùc Chumberland]], fhathast a' sìor-leantainn nan [[na Seumasaich|Seumasach]] gu tuath gus mu dheireadh choinnich an dà arm aig [[Blàr Chùil Lodair]], an t-siathamh latha deug dhen a' Ghiblean [[1746]]. B' ann sa bhlàr fhuilteach sin a thugadh adhbhar nan [[Rìghrean na h-Alba#Na Stiùbhartaich|Stiùbhartach]] gu crìch.
 
An dèidh a' bhlàir, thòisich an sgrios. Bha airgead-cinn de £30,000 air Teàrlach ach cha bhrathadh na [[Gàidheal|Gàidheil]] e. Air an fhicheadamh latha dhen t-Sultain, [[1746]], fhuair e air bhòrd bàta Frangach agus cha do thill e air ais a dh'[[Alba]] a-riamh tuilleadh.
 
== A' Bheatha às dèidh dha Alba fhàgail ==
Bha dùil aige tilleadh agus bha dòchas aig mòran de na [[Gàidheal|Gàidheil]] gun tilleadh e ach chaidh na bliadhnaichean seachad agus cha do thill. Mu dheireadh chan fhaodadh Teàrlach fuireach anns [[an Fhraing]] fiù 's. Chaill e a h-uile dòchas a bh' aige, dh'fhàs e greannch is dubhach; dh'atharraich a nàdar; cha robh mòran chàirdean aige air fhàgail; dh'fhàs e aost' agus nuair a bhàsaich e thàinig crìoch air an [[Rìghrean na h-Alba#Na Stiùbhartaich|teaghlach rìoghail]] dom buineadh e. Chaill e a mhisneachd agus is beag an t-iongnadh.
 
Loidhne 66:
 
== Tarraing ==
* ''Tha a' chuid as motha dhen aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.''
* Air an tharraing bho: [http://www.cne-siar.gov.uk/gaelic/grd/eachdraidh/sgeulachdan/tearlach.htm Larach-Lìn CNES]
 
== Tuilleadh leughaidh Gàidhlig ==
MacChoinnich, Iain, ''Eachdraidh a' Phrionnsa, no Bliadhna Theàrlaich'', Thornton agus Collie (Dùn Èideann, 1845 - agus iomadach tionndadh às a dhèidh)
 
[[Category:Alba]]
[[categoryCategory:Eachdraidh]]
[[Category:Eachdraidh na h-Alba]]
[[Category:Na Seumasaich]]
Loidhne 82:
[[en:Charles Edward Stuart]]
[[eo:Charles Edward Stuart]]
[[es:Carlos IIIEduardo de Inglaterra y EscociaEstuardo]]
[[eu:Charles Edward Stuart]]
[[fi:Charles Edward Stuart]]