An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tì"

Content deleted Content added
b robot Adding: kk:Шай
No edit summary
Loidhne 6:
 
'S iad na ceithir seorsaichean de theatha as motha a th' air an òl air feadh an t-saoghail ach [[tì dhubh]], [[tì uaine]], [[tì oolong]] agus [[tì gheal]]. Gabhaidh na h-uile dhiubh a dhèanamh air an aon gnè de phreas, le diofraichean ann an dòighean giollachd 's àiteachaidh.
 
== Preas na Teatha ==
 
Tha am preas seo gach àm uaine. Tha e a' giùlan fras mu mheudachd spiligein [[peasair|peasrach]], bho bheil am preas a' fàs. Is ann air an [[deisear]] as fheàrr a chinneas iad.
 
Is ainmig a tha am preas seo, a tha cosmhail ri seòrsa ròide, a' cinntinn nas àirde na [[dris]] nan [[ròs]], no mar as motha, sia no seachd troighean air àirde.
 
Is minig a shuidhichear e na shreathan, mu thuaiream trì no ceithir de throighean bho chèile. Tha an [[duilleach]] as motha mu dhà òirleach air fad, agus a h-aon air leud; tha iad a' fàs caol nam barr, mar dhuilleach dris nan ròs.
 
== Eachdraidh ==
 
A-rèir seann iris-naidheachd [[Gàidhlig|Ghàidhlig]], b' iad muinntir [[Sìona|Shìona]] leis a bu mheasail òl na teatha ann an 1894, ach b' iad muinntir [[Breatainn|Bhreatainn]] san dara àite aig an àm sin. Aig toiseach a' bhliadhna 1894, bha cuid de fhir-pàrlamaid Bhreatainn airson nach biodh de [[cìs|chìs]] air an tì idir. Aig an àm sin, bha dà cheud is deich millean punnd (210 000 000) tì air òl am Breatainn gach bliadhna, agus bha ceithir sgillinnean am punnd de chìs oirre. Chailleadh an [[Riaghaltas]] trì millean gu leth not [[Sasann]]ach sa bhliadhna nan toireadh a' chìs sin dhith.<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/en/leabharlann/mactalla/vol2/29/01.jpg/ Mac-Talla, 10 Gearran, 1894, d.1]</ref>
 
 
== Tionail na tì ==
 
'''A' Chiad Tional'''
 
Tha a’ chiad chuid gan tional sa Mhàrt, nuair nach eil ach beagan duillich air fàs air a’ phreas, agus gun ach latha no dhà a dh' aois. Anns an àm seo, chan eil iad ach beag, uaine, agus maoth ach thathar a’ meas gur e seo gnè as fheàrr, agus le an ro fheabhas, bha iad aig aon àm air an gleidheadh fa chomhair rìghrean agus dhaoine mòra; agus airson sin, theirear Teatha rìoghail rithe ann an Sìona.
 
Ann an [[Iapan]], tha iad air an trusadh leis an fhaicill as motha, agus cha bheir iad oirre nan làmhan gun làmhan grinne bhi umpa.
 
Tha iad a' meas gur ann a tha an dath uaine aig an t-seòrsa Tì seo ag èirigh bhon àm sam buainear an duilleach, cosmhail ri meas an-abaich, a tha mar as trice uaine agus geur sa bhlas.
 
'''An Dara Tional'''
 
Tha an dara tional air a dhèanamh mu dheireadh a’ Mhàirt: tha na duilleagan san àm seo mòr, gun a bheag de am fàileadh cùbhraidh a chall; ach tha mùthadh eadar an abaichead, cuid air teachd chum an làn chinneis, agus cuid nach eil. Ach tha iad air an tional feadh a chèile, 's a-rithist air an sònrachadh a rèir am buaidhean fa leth; agus na duilleagan as fheàrr air an reic fo ainm an t-seòrsa rìoghail ann an Sìona.
 
'''An Treas Tional'''
 
Tha an treas tional a' tachairt ann am Mìos meadhanach an t-Samhraidh, nuair a tha na duilleagan air teachd chun an làn mheudachd. 'S e seo an cruinneachadh as tomadaich, ach chan eil an Tì cho math. An dèidh dhaibh na duilleagan a chruinneachadh, tha iad air an toirt do na taighean caoineachaidh, chum an ullachadh fa chomhair feum.
 
== Eachdraidh na Tì ==
 
'''Sìona'''
 
Anns an t-seann aimsir ann an Sìona, chaidh na taighean-caoineachaidh a thogail air chosgais na rìoghachd, agus dh'fhaodadh gach neach, aig nach robh cothrom air a dhèanamh aig a thaigh fhèin, a chuid Tì a thoirt do aon de na taighean-caoineachaidh, agus a tiormachadh ann; 's nuair a bha i gu tioram, làn uidheamaichte, bha iad an sin gan cur ann an cisteachan lìnigte le luaidhe thana, agus gan cur air falbh don Roinn-Eòrpa.
 
'''Iapan'''
 
Nuair a bha a' chiad tional den Tì thaghta seo air cruinneachadh ann, bhite a' cur fo fhreiceadan làidir i chum an Iompaire, agus rachadh a gleidheadh fa chomhair teaghlach an Ìompaire.
 
'''An Roinn-Eòrpa'''
 
Thachair don Tì mar thachair do an tombaca, a' leigeadh ris a’ bhuaidh a th' aig cleachdadh air a chinne-dhaonna. Mu thuaiream trì cheud bliadhna ron àm seo, cha robh aon chuid diubh aig muinntir na h-Eòrpa; ach an-diugh is tearc duine leis nach annsachd an Tì.
 
'S ann anns a' bhliadhna 1610 a thàinig a' chiad Tì don Roinn-Eòrpa, agus 's iad na Duitsich a thug ann i. Anns a’ bhliadhna 1666 chosg aon phunnd dhi ann an Lunnainn trì puinnd Shasannach, agus mhair i aig an luach sin gu 1707.
 
== Iomraidhean ==