An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tì uaine"

Content deleted Content added
Loidhne 35:
Anns an t-seann aimsir ann an Sìona, chaidh na taighean sin a thogail air chosgais na rìoghachd, agus dh'fhaodadh gach neach, aig nach robh cothrom air a dhèanamh aig a thaigh fhèin, a chuid Tì a thoirt do aon de na taighean-caoineachaidh, agus a tiormachadh ann; 's nuair a bha i gu tioram, làn uidheamaichte, bha iad an sin gan cur ann an cisteachan lìnigte le luaidhe thana, agus gan cur air falbh don Roinn-Eòrpa.
 
== Eachdraidh na Tì ==
 
'S ann anns a' bhliadhna 1610 a thàinig a' chiad Tì don Roinn-Eòrpa, agus 's iad na Duitsich a thug ann i. Anns a’ bhliadhna 1666 chosg aon phunnd dhi ann an Lunnainn trì puinnd Shasannach, agus mhair i aig an luach sin gu 1707.
 
Thachair don Tì mar thachair do an tombaca, a' leigeadh ris a’ bhuaidh a th' aig cleachdadh air a chinne-dhaonna. Mu thuaiream trì cheud bliadhna ron àm seo, cha robh aon chuid diubh aig muinntir na h-Eòrpa; ach an-diugh is tearc duine leis nach eil an Tì.
 
 
 
 
 
 
 
 
 
 
== Tì uaine a' fàs aithnichte an ceann an iar an t-saoghail ==