An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tì uaine"

Content deleted Content added
b robot Modifying: la:Thea viridis
No edit summary
Loidhne 1:
[[File:Tea leaves steeping in a zhong čaj 05.jpg|thumb|right|200px|Tì uaine le duilleagan]]Tha '''tì uaine''' na gnè de [[tì|theatha]] a th' air a dèanamh air duilleagan ''Carmellia sinensis'' air nach deach ocsaideachadh tuilleadh 's a chòir. Buinidh tì uaine do [[Sìona|Shìona]] far a thathas ga h-òl bho chian nan cian, ach an-diugh, buinidh i do [[Àisia]] gu lèir.
 
 
== Am preas tì ==
 
Tha am [[preas]] seo gach àm uaine. Tha e a' giùlan [[fras]] mu mheudachd spiligein
[[peasair|peasrach]], bho bheil am preas a' fàs. Is ann air an [[deisear]] as fheàrr a chinneas iad.
 
Is ainmig a tha am preas seo, a tha cosmhail ri seòrsa ròide, a' cinntinn nas àirde na [[dris]] nan [[ròs]], no mar is motha, sia no seachd troighean air àirde.
 
Is minig a shuidhichear e na shreathan, mu thuaiream trì no ceithir de throighean bho chèile. Tha an [[duilleach]] as motha mu dhà òirleach air fad, agus a h-aon air leud; tha iad a' fàs caol nam
barr, mar dhuilleach dris nan ròs.
 
 
== Tionail na tì ==
 
'''A' Chiad Tional'''
 
Tha a’ chiad chuid gan tional sa Mhàrt, nuair nach eil ach beagan duillich air fàs air a’ phreas, agus gun ach latha no dhà a dh' aois. Anns an àm seo, chan eil iad ach beag, uaine, agus
maoth ach thathar a’ meas gur e seo gnè as fheàrr, agus le an ro fheabhas, bha iad aig aon àm
air an gleidheadh fa chomhair rìghrean agus dhaoine mòra; agus airson sin, theirear Teatha rìoghail rithe ann an Sìona.
 
Ann an [[Iapan]], tha iad air an trusadh leis an fhaicill as motha, agus cha bheir iad oirre nan làmhan gun làmhan grinne bhi umpa. Nuair a chruinnichear an Tì thaghta seo, cuirear fo fhreiceadan làidir i chum an [[Ìompaire]], agus thèid an duilleach as fheàrr a gleidheadh fa chomhair teaghlach an Ìompaire.
 
Tha iad a' meas gur ann a tha an dath uaine aig an t-seòrsa Tì seo ag èirigh bhon àm sam buainear an duilleach, cosmhail ri meas an-abaich, a tha mar as trice uaine agus geur sa bhlas.
 
== An Dara Tional ==
 
Tha an dara tional air a dhèanamh mu dheireadh a’ Mhàirt: tha na duilleagan san àm seo mòr, gun a bheag de am fàileadh cùbhraidh a chall; ach tha mùthadh eadar an abaichead, cuid air teachd chum an làn chinneis, agus cuid nach eil. Ach tha iad air an tional feadh a chèile, 's a-rithist air an
sònrachadh a rèir am buaidhean fa leth; agus na duilleagan as fheàrr air an reic fo ainm an t-seòrsa rioghail.
 
== An Treas Tional ==
 
Tha an treas tional a' tachairt ann am Mìos meadhanach an t-Samhraidh, nuair a tha na duilleagan air teachd chun an làn mheudachd. 'S e seo an cruinneachadh as tomadaich, ach chan eil an Tì cho math. An dèidh dhaibh na duilleagan a chruinneachadh, tha iad air an toirt do na [[taigh-caoineachaidh|taighean caoineachaidh]], chum an ullachadh fa chomhair feum.
 
Anns an t-seann aimsir ann an Sìona, chaidh na taighean sin a thogail air chosgais na rìoghachd, agus dh'fhaodadh gach neach, aig nach robh cothrom air a dhèanamh aig a thaigh fhèin, a chuid Tì a thoirt do aon de na taighean-caoineachaidh, agus a tiormachadh ann; 's nuair a bha i gu tioram, làn uidheamaichte, bha iad an sin gan cur ann an cisteachan lìnigte le luaidhe thana, agus gan cur air falbh don Roinn-Eòrpa.