An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Còmhla-bhigein"

Content deleted Content added
Created page with ''S e ribe a th' ann an '''còmhla-bhigein''' a bhathar a' cleachdadh airson gobhlain-gaoithe agus eunlaith beaga eile a mharbhadh. Chuireadh fras [[c...'
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 09:27, 27 dhen Chèitean 2010

'S e ribe a th' ann an còmhla-bhigein a bhathar a' cleachdadh airson gobhlain-gaoithe agus eunlaith beaga eile a mharbhadh.

Chuireadh fras coirce no eòrna air an làr, agus shuidhicheadh còmhla air ceithir stoban beaga; bhiodh stob aig gach oisean dhi. Nuair a thionaileadh na h-eòin fon chòmhla, rachadh fear de na stuib a tharraing air falbh. Thuiteadh an aitreabh agus mharbhadh na h-eòin.