An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Daibhidh MacDhùnleibh"

Content deleted Content added
+ ro-ràdh
+ fo-thiotalan
Loidhne 5:
<!-- An Gàidheal Do-aithnichte: Dealbh '''Dhaibhidh Mhic Dhùnlèibh''' An e e abairt Gàidhleach mu '''Daibhidh MacDhùnleibh a th' ann an "An Gàidheal Do-aithnichte"? Ma bhios, cuir air ais e don aiste-->
 
== Òigridh agus Foghlam==
Ri taobh na h-aibhne, a ruitheas eadar Bail’ an t-saoir agus Bothwell ann an [[Siorrachd Lannraig]], lorgar togalach a chaidh a thogail anns an [[18mh Linn]], a’ tabhainn do mhuinntir an àite ionad far am faigheadh obair, rugadh Daibhidh Mac Dhùnlèibh, an darna mhac ann an teaghlach Nèill Mhic Dhùnlèibh, a bha pòsta aig Agnes Hunter. Ged nach b’e ach baile beag a bha ann am Bail’ an t-saoir, dh’fhàs e thairis air ceud bliadhna gu bhith na bhaile meinnearachd agus a’ crochadh air luchd-obrach a thigeadh à Èirinn agus sgìrean air [[Gàidhealtachd na h-Alba|a’ Ghàidhealtachd]] mar an ceudna. Aig an àm a rugadh Daibhidh, cha robh ach 2,000 duine a’ fuireach agus a’ tighinn beò sa bhaile, agus mar thoradh air sin, ’s urrainn dhuinn dealbh fhaighinn nar n-inntinn mar sgìre dhùthchail, iomallach, bheag, aodhaireil. Bheireadh an tìr buaidh nach bu bheag air inntinn òg Dhaibhidh; bhiodh e feumail agus cuideachail dha na dhreuchd a thagh e na b’ an-moiche na bheatha.
Line 25 ⟶ 26:
Às dèidh dha cuireadh fhaighinn gus treanadh a thòiseacheadh ann an Lunnainn, agus a’ dol tro nan deuchainnean gu soirbheachail ge b’e dàil no dhà bho oraidiche no dhà os-cionn obair-ceartachaidh agus siostam measaidh aig a’ chomann, thàinig e tuilleadh is barrachd follaiseach gun robh oileanach air leth comasach nan làmhan. A-rithist, dh’fhàg Daibhidh deagh mhiannan agus buaidh mhòr air gach duine ris an do thachair e ann an Lunnainn. Ach bho àm gu àm, dh’èirich ann an Albannach òg colna agus fearg agus, mar a chùm cuid a-mach, dìorrasach a leithid nach deach a lorg anns a cho-aoiseach. An d’ fhuair e, mar dìleab air nach robhar ag iarraidh, mì-ghnèithealachd bho a shinnsearan Ghàidhealach? An e foinnich pàirt do-sgaradh am-measg nan Gàidheal? Theireadh am-measg cultaran agus a’ beachdachadh oirnn, gu bheil inntinn Gàidheal luath agus dualtach ri tionndadh gu fearg gun rabhadh. Agus lean am faoin-shamhla seo MacDhùnlèibh tro a bheatha uile, ged a chuir e a’ chuid a bu mhotha dhaoine aig fois am-measg a chompanaich, le teò-chridheach agus an nàdar ciùin a ghabh còmhnaidh ann na bu thrice na rinn fearg a-riamh.
== Ann an Afraga ==
Thàinig Daibhidh MacDhùnlèibh gu tìr Afraga ann am Màrt, 1841. Bha ionad a’ mhisean air a stèidhichte bho 1799 ann an sgìre Cape Town, agus mar seo, bha structar agus bunaitean ann air an robh e comasach adhartas a thogail ann an ainm Comainn Mhisein Lunnainn (“''London Mission Society''”). Chuir e roimhe na sgìrean do-ruigsinn a ruighinn, ann an ainm a Shlànaighear, agus airson adhartas a’ chinne-dhaonna. Thuig e, mar a thàinig soisgeulaichean eile an àm gu co-dhùnadh, gun robh an dòigh a b’fheàrr do shaorsa nan Afraganach eisimileach air malairt agus creideamh. Cha robh am bun-smuain seo idir co-ionnanach ri bun-smuain nam Boer, no fiù ’s bun-smuain nan rannsachair [[A' Phortagail|Portugalach]], a ghlacadh air na tùsanach agus sheòl iad tarsainn a’ chuain na traillean seo gu Ameireaga-a-Tuath agus a-Deas. Ach, bha smaointean ùra a’ tighinn am-measg dùthchannan eile ag iarraidh sgur a chur air malairt nan traillean na làithean ud. Gu tric is minig, bhiodh MacDhùnlèibh agus a nàimhdean – na Boers, mar a bu thrice – aig ùgannan a chèile, agus a’ deasbad pàirt na h-eaglais ann an saorsa cinne-dhaonna uile gu lèir, seach air an duine geal a-mhàin. Tro a obrach uile aig Sgoil Dhiadhachd ann an [[Lunnainn]], rinn Daibhidh ath-aithris air teachdaire an t-soisgeil a bha a’ tabhainn saoradh dhan uile, ge b’ e cò às a bha duine àraid, an cultar anns an do dh’àraich e, no fiù ’s “a’ bheatha pheacach” a roinneadh na tùsanaich eatorra. Theireadh gu ùghdarras gun robh na bun-smaointean seo a bha aige an aghaidh na h-eaglais chlèireach an 19mh Linn leis a reachdan Ro-thaghadh. Ged a thigeadh eiciuimeanachas chun an uachdair nar latha an-diugh, b’e seo reachdan sheachranach bho “fhìrinn” an t-soisgeil a bh’ ann. Ach a dh’aindheoin seo, chùm e an creid seo aig teis-meadhan a bheatha, agus choisinneadh e deagh chliù dha gum biodh marainneach chun an latha an-diugh am-measg Afraganach anns a cheann a deas. Chaidh “Livingstone” ann an [[Saimbia]] agus “Blantyre” ann am Malaui (Malawi) ainmeachadh mar chuimhneachadh air an rannsachair mhòr, nach do chaomhain e a chliù no a bheatha am-measg nam Boer agus an dòigh ris an do làimhseachadh e a nàimhdean, air an do dh’amharc e mar cnap-starra gu saorsa aimsireil, saoghalta agus do shaorsa spioradail nan Afraganach.