An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig"

Content deleted Content added
bNo edit summary
bNo edit summary
Loidhne 4:
'''Gàidhlig''' (mar is trice '''A' Ghàidhlig''') : Ball den teaghlach de chànain [[Ceilteach]] 'Goidelic' a th' anns a' Gàidhlig. Tha [[Goideleach]] a' gabhail a-steach na cànain Ghàidhealach gu lèir ; Gàidhlig na h-Alba, Gàidhlig na h-Eireann no [[Gaeilge]], agus Gàidhlig Eilean Mhanainn no [[Gaelg]] Vanninagh agus gu dearbh chan eil anns an fhacal "Goideleach" ach seann fhacal a tha a' ciallachadh "Gàidhealach". Tha a h-uile cànan Gàidhealach air fàs bho'n t-seann Ghàidhlig a bha ar sinnsearan a' bruidhinn o chionn còrr is mìle bliadhna - an cànan ris an canar "Old Irish" mar is tric 'sa [[Bheurla]] ged a bhiodh "Old Gaelic" nas cuimsich. Ann an Alba mar is àbhaist 's e "Scottish Gaelic", "Scots Gaelic" no gu tric "Gaelic" a-mhain a' bhios daoine ag èigheach air an cànan. Air taobh a-muigh na h-Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh na Gàidhlig mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am [[Beurla na h-Alba]] oir tha ceangal an dàra facal seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhith a' ciallachadh [[a' Bheurla Ghallda]] ris an canar "Scots", "Lowland Scots" no "Lallans" is "Doric" 'sa chainnt fhéin.
 
[[Image:240px-Sanas.jpg|thumb|240px|right|Tha ainmean nan àitean 'namann Gàidhligan àrsaideachlitreachadh Gàidhlig a' fàs nas cumanta air sanasan-rathaid feadhanns gach àite air a' Ghàidhealtachd.]]
 
'S i a' Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na [[Gàidheil]] agus tha ceangail daingeann aice ris [[a' Ghaeilge]] a tha air a bruidhinn ann an [[Éirinn]]. 'S e cànan eachdraidheal de chuid mhòr de dh'[[Alba]] a th' anns a' Ghàidhlig agus 'sann airson nan seann Ghàidheil, a bha ainmichte mar "[[Scotti]]" leis na [[Goill]] ann an [[Laideann]], a chaidh [[Alba]] ainmeachadh mar [[Scotia]] no [[Scotland]] anns na cànain [[Gallda|Ghallda]]. Chan eil cinnteas ann mu dè cho fada 's a tha eachdraidh na Gàidhlig ann am Breatainn a tuath ach tha feadhainn air an smuain a chur air adhart gun robh i air a bruidhinn ann an [[Earra-Ghaidheal]] ro teachd nan [[Ròmanach]] ach chan eil co-aonta ann air a' chuspair seo. Co-dhiù, le stèidheachadh [[Rìoghachd Dhál Riata]] mu àm na 4mh linne, agus e a' deanamh ceangail eadar an seann roinn de dh'[[Ulaidh]] ann an taobh a tuath na h-Éireann agus taobh siar na h-Alba, dh'fhàs cùmhachd agus sgaoil na Gàidhlig agus bha buaidh mhór aig an [[Eaglais Gaidhealach|eaglais Gaidhealach]] air a' chànan, agus i a' sineadh a-mach tarsainn air Breatainn a tuath. Tha dearbhadh ainmean-àite a' sealltainn gu robh a' Ghàidhlig air a bruidhinn anns na [[Gall-Ghàidhealaibh]] mu'n 5mh no 6mh linn.