An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Meas"

Chaidh 1,020 baidht a chur ris ,  10 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
[[Image:Fruit Stall in Barcelona Market.jpg|right|300px|Measan ann am [[Barcelona]]]]
 
Bidh '''meas''' a' fàs air [[luibh]]ean agus [[craobh]]an. Cleachdar mar [[biadh]], agus airson gineadh.
 
 
== Toradh ==
 
THa seanfhaclan ann dh'innseas mar a bheir a' ghaoth buaidh air measan. Mar eisimpleir:
 
'''"Mas gaoth an ear a dh'fhàg a' Challaig, meas air crannadh."'''
 
 
Nuair a bhios meas seargta, canar "'''meas air crannadh'''" ris.
 
Ma gheibhear gaoth bhon ear as t-earrach, bidh na craobhan a' cur a-mach an duillich. Ach, seargaidh a' ghaoth an ear an duilleach òg, maoth nas luaithe agus nas motha na gaoth sam bith eile. Nuair a thèid a' chiad duilleach air ais le seargadh na gaoith an ear, ged a dh'fhaodas cuid mhath de mheas cinntinn air na craobhan 's air na preasan, cha bhi am meas mar is trice ach meanbh.
Cha chuir a' ghaoth a tuath ge-tà na measan air an ais mar a nì a' ghaoth an ear, ged a bhiodh i a' sèideadh gu math tric fad a' gheamhraidh 's an earraich.
 
Bidh a' chraobh-mheas nas toraiche na b' àbhaist dhi nuair a bhios an geamhradh fuar, reòidhte, do bhrìgh nach leig am fuachd 's an reothadh leatha a duilleach a chur a-mach ro thràth air a' bhliadhna.
 
 
 
 
 
==Eiseimpleirean==
1,526

deasachadh