An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ibagué"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 20:
}}
 
‘S e prìomh-bhaile na roinne [[Tolima (Roinn)| Tolima]], ann an [[Coloimbia]],<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th’ann '''Ibagué''', neo '''San Bonifacio de Ibagué'''.<ref>[http://cache.britannica.com/EBchecked/topic/280525/Ibague Encyclopedia Britannica]</ref> Tha e suidhichte aig àirde dhe 1,285m os cionn ìre na [[Muir|mara]] ann am meadhan na dùthcha ris taobh na h-aibhne Combeima aig astar dhe 179km bho [[Bogotá|Bhogotá]].<ref> [http://cumbia.invias.gov.co/programas/sat/DISTANCIA%20DE%20BOGOTA%20A%20CAPITALES%20-%2025%20JUL.pdf Invias] </ref> Tha teodhachd meadhan dhe 24° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an [[1551]] anns an sgìre ris an canar an Sliabh Meadhanach (Spàinntis: La Cordillera Central), ann an gleann mòr anns [[Beanntan na h-Andes|na h-Andes]]. Tha [[eaconomaidh]] a’ bhaile gu math crochte air an [[àiteachas]], a bharrachd air sreath fhada dhe gnìomhachasan eile, gnothaichean [[cofaidh|a’ chofaidh]] agus [[crodh|a’ chruidh]] mam measg. Tha àireamh-sluaigh-sluaigh dhe 498,401 aig a' bhaile fhèin ann an [[2005]], a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref> 'S e Ibagué an 9mh baile as motha na dùthcha.<ref>[http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&dat=32&geo=-55&srt=npan&col=aohdq&pt=c&va=&srt=pnan Bailtean as motha na dùthcha]</ref> agus an 125mh baile as motha ann an [[Aimearaga-Laideannach]]<ref>[http://www.mongabay.com/igapo/Latin_America.htm Mongabay]</ref>
 
== Freumhan an Ainm ==
Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns [[An Spàinn|an Spàinn]]: m.e. [[Bogotá|Sante Fe de Bogotá]], [[Santa Marta (baile)|Santa Marta]] agus [[Cali|Santiago de Cali]]. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige mar chuimhne air [[Naomh]] Boniface,<ref>[http://www.stboniface.org.uk/whowas.htm St Boniface]</ref> neo ''Bonifacio'' ann an [[Spàinntis]]. Thathar a' creidsinn gur e ainm Muisca a th'ann an eileamaid Ibagué air sàilleabh gu bheil e suidhichte ann an sgìre far a bheil tòrr ainmean-àite Muisca agus leis gu bheil an sràc a' tighinn aig dheireadh an fhacail.<ref>[http://pabellonconbaranda.blogspot.com/2007/09/el-gua-es-nuestro.html Pabellón con Baranda]</ref>