An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Manizales (baile)"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 21:
 
‘S e prìomh-bhaile na roinne [[Caldas (Roinn)|Caldas]], ann an [[Coloimbia]],<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th’ann '''Manizales'''.<ref>[http://cache.britannica.com/EBchecked/topic/362411/Manizales Encyclopedia Britannica]</ref> Tha e suidhichte aig àirde dhe 2160m os cionn ìre na [[Muir|mara]] faisg air [[Beinn|a' bheinn]] nas àirde na [[dùthaich|dùthcha]], Nevado del Ruiz, aig astar dhe 285km bho [[Bogotá|Bhogotá]].<ref> [http://cumbia.invias.gov.co/programas/sat/DISTANCIA%20DE%20BOGOTA%20A%20CAPITALES%20-%2025%20JUL.pdf Invias] </ref> Tha teodhachd meadhan dhe 18° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an [[1849]] anns an sgìre ris an canar Meadhan a’ Chofaidh ([[Spàinntis]]: El Eje Cafetero). Tha [[eaconomaidh]] a’ bhaile gu math crochte air gnìomhachas [[cofaidh|a’ chofaidh]]. Tha cunntas-sluaigh dhe 379,972 aig a' bhaile fhèin ann an [[2005]], a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref> 'S e Manizales an 15mh baile as motha na dùthcha.<ref>[http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&dat=32&geo=-55&srt=npan&col=aohdq&pt=c&va=&srt=pnan Bailtean as motha na dùthcha]</ref>
 
== Freumhan an Ainm ==
'S e ainm saidheansail a th'ann Manizales. Tha e a' ciallachadh achaidhean na Clachan Mani.
 
== Sluagh a' bhaile ==
Ged a tha 379,972 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 26,660 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[http://www.colombia-virtual.com/municipios.html Cololmbia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an [[dùthaich]], tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.