An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Santa Fe de Antioquia"

Content deleted Content added
Loidhne 26:
 
Chaidh Santa Fe de Antioquia a steidheachadh leis [[Jorge Robledo (ceannsaiche)|a’ Mharasgal Jorge Robledo]] 4mh an [[Dùbhlachd]] [[1541]], agus tha am baile na laighe aig 79 cileameatair bho Mhedellín ann an aide an iar Antioquia (Roinn).
 
== Sluagh a' bhaile ==
Ged a tha 22,903 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 9,267 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref> Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[http://www.colombia-virtual.com/municipios.html Colombia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an [[dùthaich]], tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
 
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/[[mestizos]] a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Santa Fe de Antioquia, agus tha 29.6% dhe daoine le freumhan ann an [[Afraga]] cuideachd. ' S urrainn dhan 83.2% dhe na daoine ann an Santa Fe de Antioquia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 44% dhe na dachannan.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/censo2005/perfiles/antioquia/santa¬_fe¬_de_antioquia.pdf Bileag fhiosrachaidh DANE]</ref>
 
== Fèisean ==