An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ocaña"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 22:
‘S e baile meadhanach ann an [[Norte de Santander (Roinn)|Norte de Santander]], [[Coloimbia]],<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th’ann Ocaña. Tha e suidhichte aig 1,202m os cionn ìre na mara aig astar dhe 203km bho [[Cúcuta|Chúcuta]]. 'S e baile le clìomaid uabhasach blàth a th'ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 22˚ aige. 'S e Ocaña an 52mh baile as motha na dùthcha.<ref>[http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&dat=32&geo=-55&srt=npan&col=aohdq&pt=c&va=&srt=pnan Bailtean as motha na dùthcha]</ref> Chaidh am baile a steidheachadh ann an [[1570]].
 
== Freumhan an Ainm ==
'S e ainm Spàinnteach a th'ann Ocana. Tha baile leis an aon ainm ann an Sgire Toledo, mu dheas Mardird.<ref>[http://www.aytoocana.com/www/index.php Ocana, An Spàinn]</ref>
== Sluagh a' bhaile ==
Ged a tha 90,517 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, chan eil ach 11,690 a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref> Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[http://www.colombia-virtual.com/municipios.html Collmbia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an [[dùthaich]], tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.