An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ebéjico"

Content deleted Content added
b litreachadh
bNo edit summary
Loidhne 21:
 
‘S e baile beag ann an [[Antioquia (Roinn)|Antioquia]], [[Coloimbia]],<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th’ ann Ebéjico. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 1,125m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe 40km bho [[Medellín|Mhedellín]], prìomh-bhaile na roinne. ‘S e baile le clìomaid teth a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an [[1830]].
 
== Eachdraidh ==
 
Chaidh am baile ris an canar Ebéjico an latha an-diugh a steidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe [[Juan de Dios Aranzazu]] ([[1798]] – [[1845]]), ann an [[1830]] anns a' Ghlean Miraflores. Bha Aranzazu fhathast na Riaghladair ann an Antioquia aig an àm. A bharrachd air Ejébico, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: [[Campamento (Antioquia)|Campamento]], [[Liborina]], [[Entrerríos (Antioquia)|Entrerríos]], [[Girardota]] agus [[Cocorná]].<ref>[http://www.lablaa.org/blaavirtual/biografias/aranjuan.htm Leabharlann Luis Angel Arango]</ref> A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile [[Aranzazu (baile)|Aranzazu]] ann an [[Caldas (Roinn)|Caldas]] a steidheachadh cuideachd.
 
== Sluagh a' bhaile ==