An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Buga"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 20:
}}
 
'S e baile meadhanach anns [[Cauca (Roinn)|a' Chauca]], ann an [[Coloimbia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th' ann am '''Buga''' neo '''Guadalajara de Buga'''. Tha e suidhichte aig àirde dhe 969m os cionn ìre na mara aig astar dhe 67km bho [[Cali|Chali]], prìomh-bhaile na roinne, agus 445km bho [[Bogotá|Bhogotá]]. 'S e Buga an 44mh baile as motha na dùthcha.<ref>[http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&dat=32&geo=-55&srt=npan&col=aohdq&pt=c&va=&srt=pnan Bailtean as motha na dùthcha]</ref> Chaidh am baile a steidheachahd ann an [[1555]].
 
== Sluagh a' bhaile ==
Ged a tha 116,893 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 17,000 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref> Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[http://www.colombia-virtual.com/municipios.html Cololmbia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an [[dùthaich]], tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
 
Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/[[mestizos]] a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Buga. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.1% agus tha 8.2% dhe daoine le freumhan ann an [[Afraga]]. ' S urrainn dhan 93.9% dhe na daoine ann an Buga leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 63.5% dhe na dachannan.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/censo2005/perfiles/valle/buga.pdf Bileag fhiosrachaidh DANE]</ref>
 
 
== Daoine Ainmeil ==