An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Honda (Baile)"

Content deleted Content added
Created page with '{{Template:Baile ann an Coloimbia | AINM = Honda <br /> | BRATACH = Flag of Honda.svg | LÙIREACH = Escudo de Honda.svg | LÙIREACH_LEUD = 60 | MAPA = MunsTolima Honda....'
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 15:47, 17 dhen Mhàrt 2010

Honda
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Tolima
Àirde 225m
Co-chomharran 05º 12' 00' Tuath
74 º 45' 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 30,486 km²
Àireamh-shluaigh 27,310 (2005)
Dlùths 0.9/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

' S e baile beag ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th'ann Honda. Tha e suidhichte ann an meadhan na dùthcha ri taobh na h-aibhne Mhagdalena, aig astar dhe 142km bho Bhogotá agus 240km bho Mhedellín. Tha àirde meadhanach dhe 225m os cionn ìre na mara aige. ‘S e baile le cliomaid teth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 27˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1560.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 27,310 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 893 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala agus mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Honda ‘S e Tùsanaich a th’ann an 1.1%, daoine geala agus mestizos a th’ann an 33.9% agus tha 1.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 89.8% dhe na daoine ann an Honda leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 46.1% dhe na dachannan.[4]

Iomraidhean

Alfonso López Pumarejo (18861959): Ceann-suidhe na dùthcha eadar

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Cololmbia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Honda


 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: