An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Armenia (baile)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 20:
}}
 
‘S e prìomh-bhaile na roinne [[Quindío (Roinn)|Quindío]], ann an [[Coloimbia]],<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th’ann '''Armenia'''.<ref>[http://cache.britannica.com/EBchecked/topic/35262/Armenia Encyclopedia Britannica]</ref> Tha e suidhichte aig àirde dhe 1551m os cionn ìre na [[Muir|mara]] aig astar dhe 290km bho [[Bogotá|Bhogotá]] agus tha teodhachd meadhan dhe eadar 18° agus 22° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an [[1889]] anns an sgìre ris an canar Meadhan a’ Chofaidh ([[Spàinntis]]: El Eje Cafetero). Tha [[eaconomaidh]] a’ bhaile gu math crochte air gnìomhachas [[cofaidh|a’ chofaidh]]. Bha àireamh-sluaigh dhe 280,930 aig a' bhaile fhèin ann an [[2005]], a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref> 'S e Armenia an 21mh baile as motha na dùthcha.<ref>[http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&dat=32&geo=-55&srt=npan&col=aohdq&pt=c&va=&srt=pnan Bailtean as motha na dùthcha]</ref>
== Sluagh a' bhaile ==
Ged a tha 280,930 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 7,816 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[http://www.colombia-virtual.com/municipios.html Cololmbia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an [[dùthaich]], tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.