An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pereira (baile)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 20:
}}
 
‘S e prìomh-bhaile na roinne [[Risaralda (Roinn)|Risaralda]], ann an [[Coloimbia]],<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th’ann '''Pereira'''.<ref>[http://cache.britannica.com/EBchecked/topic/451299/Pereira Encyclopedia Britannica]</ref> Tha e suidhichte aig àirde dhe 1411m os cionn ìre na [[Muir|mara]] faisge air [[Bogotá]], [[Cali]] agus [[Medellín]]. A bharrachd air sin, tha teodhachd meadhan dhe 23° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an [[1863]] anns an sgìre ris an canar Meadhan a’ Chofaidh ([[Spàinntis]]: El Eje Cafetero). Tha [[eaconomaidh]] a’ bhaile gu math crochte air gnìomhachas [[cofaidh|a’ chofaidh]]. Tha cunntas-sluaigh dhe 443,554 aig a' bhaile fhèin ann an [[2005]], a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref> 'S e Pereira an 13mh baile as motha na dùthcha.<ref>[http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&dat=32&geo=-55&srt=npan&col=aohdq&pt=c&va=&srt=pnan Bailtean as motha na dùthcha]</ref>
== Sluagh a' bhaile ==
Ged a tha 443,554 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 72,315 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[http://www.colombia-virtual.com/municipios.html Cololmbia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an [[dùthaich]], tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.