An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Juan José Nieto Gil"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 66:
</div><!-- end of floated right section; article starts here -->
 
B’ e '''Juan José Nieto Gil''', a rugadh ann an clachan beag ris an canar [[Cibarco]] ([[Atlántico (Roinn)|Atlántico]]), eadar [[Baranoa]] agus [[Tubará]], air an 24mh [[an t-Ògmhios]] [[1805]] agus a chaochail ann an [[Cartagena de Indias]] ([[Bolívar (Roinn)|Bolívar]]) air an 16mh [[an t-Iuchar]] [[1866]]), fear-[[poileataigs]], [[ùghdar]], [[saighdear]] agus [[stàitire]] à [[Coloimbia]].<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> Bha e na cheann-suidhe [[Poblachd Ghranada Ùire]]<ref>[http://www.lablaa.org/blaavirtual/biografias/nietjuan.htm Leabharlann Luís Angel Arango]</ref> eadar 25mh [[am Faoilleach]] agus 18mh [[an t-Iuchar]] [[1861]].
 
Bha [[pàipear-naidheachd]] aige ann an Cartagena de Indias, air an robh ''La Democracia''. Fhuair e a dreuchd mar Riaghldair ann an Cartagena ann an [[1851]], is chuir e an t-[[easbaig]] Pedro Antonio Torres à san dùthaich. Bha e an sàs ann an [[Cogadh nan Àrdanach]] ann an [[1840]], a' chiad cogadh a thachar ann an Coloimbia an dèidh a chuid neo-eisimeileachd fhaighinn. Bha e ri taobh Carmona anns a' chogadh sin, Chaidh e a chur an grèim leis a chuid nàmhaidean. Air an 17mh [[an Giblean]] [[1854]] thug e taic dhan ar-a-mach a rinn [[José María Melo]]. Mar Riaghladair ghabh e ris an darna [[Bun-Reachd]] poiliteagach a fhuair an stàit Bolívar.
 
Ghairm e neo-eisimeileachd na stàite Bolívar bhon [[Co-Chaidreachas Ghranada|a’ Cho-chaidreachais Ghranada]] air an 3mh [[an t-Iuchar]] [[1860]] ann an caidreabhas leis an t-Seanalair [[Tomás Cipriano de Mosquera]], leis gu robh an dùthaich airson meadhanachadh fon cheann-suidhe [[Mariano Ospina Rodríguez]]. An dèidh ceannas na dùthcha a ghabhail os làimhe fhad’s a bha an Seanalair Mosquera às an làthair, ghabh e sealbh air Riaghaltas na Stàite Bolívar iomadh turas gus an do chuir na feachdan reubaltaich le [[Antonio González Carazo]] os an cionn às an dreuchd e.