An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Juan José Nieto Gil"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 7:
Ghairm e neo-eisimeileachd na stàite Bolívar bhon [[Co-Chaidreachas Ghranada|a’ Cho-chaidreachais Ghranada]] air an 3mh [[an t-Iuchar]] [[1860]] ann an caidreabhas leis an t-Seanalair [[Tomás Cipriano de Mosquera]], leis gu robh an dùthaich airson meadhanachadh fon cheann-suidhe [[Mariano Ospina Rodríguez]]. An dèidh ceannas na dùthcha a ghabhail os làimhe fhad’s a bha an Seanalair Mosquera às an làthair, ghabh e sealbh air Riaghaltas na Stàite Bolívar iomadh turas gus an do chuir na feachdan reubaltaich le [[Antonio González Carazo]] os an cionn às an dreuchd e.
 
Sgrìobh e dà nobhail nuair a bha e thall ann an [[Iaimeuca]], air adhbharan poileataigeach: ''Rosina, Ingermina o la hija de Calamar'' ([[1844]]) agus ''Los Moriscos'' ([[1845]]).<ref>[http://www.barulegazette.com/bar%C3%BBle_gazette_-_personajes_afrocolombianos_-_nieto_gil,_juan_jose.htm Barule Gazette]</ref>
 
Bha an seannachaidh Orlando Fals Borda dhen bheachd gun do deach e fhàgail a-mach eachdraidh oifigeil na dùthcha e o chionns gur e [[mulato]] a bh’ann, is fiù’s gun robh na dealbhan dhàsan ''gealaichte'' gus na freumhan aige fhalach.<ref>[http://www.elnuevoherald.com/2008/11/11/v-print/320278/colombia-borro-de-la-historia.html Nuevo Heraldo]</ref>