An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Juan José Nieto Gil"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 3:
B’ e '''Juan José Nieto Gil''', a rugadh ann an [[Cibarco]] ([[Atlántico (Roinn)|Atlántico]]) air an 24mh [[an t-Ògmhios]] [[1805]] agus a chaochail ann an [[Cartagena de Indias]] ([[Bolívar (Roinn)|Bolívar]]) air an 16mh [[an t-Iuchar]] [[1866]]), fear-[[poileataigs]], [[ùghdar]], [[saighdear]] agus [[stàitire]] à [[Coloimbia]]. Bha e na cheann-suidhe [[Poblachd Ghranada Ùire]].
 
Bha [[pàipear-naidheachd]] aige ann an Cartagena de Indias, air an robh ''La Democracia''. Fhuair e a dreuchd mar Riaghldair ann an Cartagena ann an [[1851]], is chuir e an t-[[easbaig]] Pedro Antonio Torres à san dùthaich. Air an 17mh [[an Giblean]] [[1854]] thug e taic dhan ar-a-mach a rinn [[José María Melo]]. Mar Riaghladair ghabh e ris an darna [[Bun-Reachd]] poiliteagach a fhuair an stàit Bolívar.
 
Ghairm e neo-eisimeileachd na stàite Bolívar bhon [[Co-Chaidreachas Ghranada|a’ Cho-chaidreachais Ghranada]] air an 3mh [[an t-Iuchar]] [[1860]] ann an caidreabhas leis an t-Seanalair [[Tomás Cipriano de Mosquera]], leis gu robh an dùthaich airson meadhanachadh fon cheann-suidhe [[Mariano Ospina Rodríguez]]. An dèidh ceannas na dùthcha a ghabhail os làimhe fhad’s a bha an Seanalair Mosquera às an làthair, ghabh e sealbh air Riaghaltas na Stàite Bolívar iomadh turas gus an chuir na feachdan reubaltaich le [[Antonio González Carazo]] os an cionn às an dreuchd e.