An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Diego Lemos"
Content deleted Content added
No edit summary |
No edit summary |
||
Loidhne 72:
== Na Shaighdear ==
Thoisich e mar shaighdear ann an [[1860]], airson an Riaghaltas laghail a dhìon ann an cogadh sìobhalta ga thòiseachadh leis an t-Seanailear Mosquera a bha airson an Riaghaltas fhaighinn tro ainneart. Dh’fhàilnich iad ach fhuair esan fhèin mathanas-coitcheann agus lean e ann an airm na Stàitean Aonaichte Choloimbia.<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> Bha e an sàs ann an ruaig armachd ùr ann an [[1876]] agus b’ fheudar dhàsan a theiche gu [[Eacuador]]. An ath bhliadhna ann an Túquerres, thug e taic dhan ar-a-mach gun do chuir Antonio Borrero, an t-seann cheann-suidhe na h-Eacuador, air dòigh an aghaidh Riaghaltas na dùthcha airson a thilleadh dhan dhùthaich gus an cumhachd fhaighinn. Rinn e caismeachd tro Chumbal gu ruige Ibarra ach nuair a ràinig e agus na feachdan aige an t-àite ris an canar Quebrada Oscura, thug na feachdan aig a’ Chòrnaileir Rafael Arellano Del Hierro, Ceannard Roinnean an Tuatha, ionnsaigh orra agus chuir iad teicheadh orra gu ruige Panán far an do chuir e ruaig air. An dèidh sin, dhìon e an riaghaltas aig José María Plácido ([[1883]] - [[1888]]) ann an Eacuador.
=== Cùrsa-Beatha anns a’ Poileataigs ===
Loidhne 82:
Thug e air Ceannas na Poblachd 14 an Giblean 1908 oir bha an ceann-suidhe fhèin air dhìth airson greiseag. Fhad ‘s a bha e na dhreuchd dh’ainmich e Baldomero Sanín Cano mar leas ministear a’ Mhaoineachaidh, is dh’obair esan mar fho-rùnaire.
== Iomraidhean ==
<references/>
{{Cinn-suidhe Choloimbia}}
|