An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cogadh na Mìle Làithean"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 13:
'''Cogadh na Mìle làithean''' ([[1899]] - [[1902]]): [[Cogadh sìobhalta]] ann an [[Coloimbia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a thug fìor dhroch bhuaidh air an dùthaich aig toiseach an 20mh linne.<ref>http://www.lablaa.org/blaavirtual/revistas/credencial/enero2000/121reflexiones.htm</ref><ref>http://www.laguia2000.com/colombia/la-guerra-de-los-mil-dias</ref>
 
'S e pàirt fa-leth cudromach dhan nobhail "[[Cien años de Soledad]] " (Ceud Bliadhna dhe Uaigneas) le [[Gabriel José García Márquez|Gabriel García Márquez]] a th' ann an Cogadh na Mìle làithean. Tha an Còrnailear Aureliano Buendía, prìomh charactar an leabhair, an sàs anns a' chogadh sin. Chaill Coloimbia Roinn A' Chaolais ([[Spàinntis]]: Departamento del Istmo), ris an canar [[Panama]] an latha an-diugh, agus An Canal na luib.
 
‘S e [[cogadh sìobhalta]] a rinn droch sgrios air [[Coloimbia]] agus [[Panama]] (roinn am broinn Choloimbia aig an àm), eadar [[1899]] agus [[1902]] a bh’ann Cogadh na Mìle Làithean. Mar thoradh a’ chogaidh sin, rinn an Riaghaltas Tòraidheach a’ chùis air a chuid nàmhaidean Libearalach ach chaill an dùthaich Panama ann an [[1903]]. Shabaid buill [[Pàrtaidh Libearalach Choloimbia|a’ Phàirtidh Libearalach]] an aghaidh an Riaghaltais a bha fo bhuaidh buidheann [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia|a’ Phàirtidh Thòraidh]] air an robh A’ Bhuidheann Nàiseanta, agus iad fo stiùireadh an ceann-suidhe [[Manuel Antonio Sanclemente]] fad ùine ghoirid. Dh’ èirich na Libearalaich an aghaidh atharrachaidhean làidir obann bhon [[Bun-Reachd dhe [[1863]] (a chaidh a sgrìobhadh ann an reachdas nuair a bha [[Rafael Núñez]] os cionn an Riaghaltais, is a chuir siostam feadarail air bhog), gu siostam meadhanach na àite ([[Bun-Reachd|Bhun-Reachd]] dhe [[1886]]). A bharrachd air sin, dh’ fhulang na Libearalaich ionnsaighean ainneartach bho na Tòraidhean, is le sin dh’fheuch iad ri smachd a chur air an Riaghaltas.