An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr Boyacá"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 9:
== Latha a' Bhlàir ==
 
Thachair am blàr Disathairne 7 [[an Lùnasdal]] [[1819]]. Aig deich uairean sa mhadainn dh’òrdaich Bolívar nach leigeadh na feachdan aige dha na Rìoghairean a dhol thar na drochaide air an abhainn Teatinos, far am biodh na Rìoghairean a’ coinneachadh le Samacá. ‘S e rathad mòr rìoghail a bh’ann (Spàinntis: camino real). Chaidh na Poblachdaich, leis a’ chaiptean [[Diego Ibarra]] os an cionn, sìos aig dà uair feasgar agus chuir iad iongnadh air na Rìoghairean. Aig an aon àm bha an Seanalair Santander is a chuid shaighdearan a’ sabaid an aghaidh a’ chùl-choimhead rìoghail. Anns a’ bhad dh’ aontaich a’ mhòr-chuid dhe na Feachdan rìoghail aig Barreiro airson a shabaid an aghaidh cùl-choimhead an t-Seanalair José Antonio Anzoátegui.
 
Bha an còmhstri eadar an dà airm anns an àirde mu thrì uairean feasgar, ach bha na Rìoghairean fo anacothrom air sàilleabh gu robh iad a’ sabaid ann an dà àite. Rinn an còrnaileir Juan José Rondón ionnsaigh làidir leis a chuid eachdraidh às na faichean is chuir iad ruaig air na Rìoghairean. Aig an aon àm, b’ urrainn dha na saighdearan à Casanare aig José María Ruiz gan chur ri chùlaibh a’ thùis-feadhna Rìoghail. Dh’ òrdaich Santander na buidhnean ''Cazadores'' agus ''Primeros de Línea'' leis na còrnaileirean Joaquín París Ricaurte agus Antonio Obando os an cionn, thar na drochaide. Bha làmh an uachdair a-nis aig na Reubaltaich. Ged a dh’fheuch Barreiro ri dhol am feabhas, b’ fheudar dhàsan a thoirt thairis, agus mar sin thàinig an latha eachdraidheil gu ceann aig ceithir uairean feasgar.