An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr Boyacá"

Content deleted Content added
Loidhne 49:
== Fèis Nàiseanta ==
 
‘S e 7 [[an Lùnasdal]] fèis nàiseanta ann an Coloimbia mar chuimhne air an latha eachdraidheil ud nuair a rugadh an nàisean. A bharrachd air sin, thoir an ceann-suidhe ùr an Riaghaltas os làimhe air a’ cheann-latha sin cuideachd, ann an Lùchairt Nariño, ann am meadhan a’ bhaile Bogotá. Tachraidh sin gach uile ceithir bliadhna.
 
==Beul-aithris==
'''La leyenda del niño soldado honrado''' <ref>[http://books.google.com/books?id=BdYrQfMRLrcC&lpg=PA16&dq=Pedro%20Pascasio%20Barreiro&lr=&as_brr=3&hl=es&pg=PA47#v=onepage&q=&f=false Leyendas populares Coloimbianas, por Javier Ocampo López 1996]</ref>
 
Innsidh am beul-aithris dhuinn mu dheidhinn an droch àigh a fhuair Barreiro ann an Aimearaga an oidhche ud ann am Boyacá nuair a chuir balach òg, a bha eadar 11 agus 14 bliadhna a dh’aois, an Seanalair agus an greim. Dhiùlt Pedro Pascasio Martínez an t-òr a thabhann an Seanalair dhà. Thathar ag ràdh gun do dh’ àrdachadh Simón Bolívar gu oifigear neo sàirdseant e.
 
Thathar ag ràdh gur e balach às a’ bhaile bheag Belén Boyacá a bh’ann Pedro Pascasio Martínez. Bha esan a’ cur cùraim air na h-eich aig Bolívar. Chaidh e a dh’ àrdachadh gu sàirdseant airson an Seanalair Barreiro a chur an greim gu curanta is chaidh gealladh a thoirt dhà gum faigheadh e 100 pesos. Cha d’fhuair e a chuid airgid a-riamh. Chaidh esan fhèin agus iomadh saighdear òg a leigeil ri taobh [[Abhainn Mhagdalena|na h-Aibhne Mhagdalena]], mus do ràinig iad Santa Fe (Bogotá an latha an-diugh).
 
A bharrachd air a’ mhiotas sin, tha e gu math soilleir gun do dh’ òrdaich Santander gun do chuir iad gu bàs Barreiro, a bha dìreach 26 bliadhna a dh’aois is esan na phrìosanach. ‘S e eisimpleir Cogadh chun a’ Bhàis (Spàinntis: Guerra a Muerte) a th’ann, far a mharbhadh iad gach uile Spàinnteach gun truas. Chaidh 38 oifigearan Spàinnteach eile, a thug gèill ann Boyacá, a chur gu bàs cuideachd. A dh’aindeoin sin, bha cleachdadh na cloinne mar shaighdearan toirmisgte fo na h-òrdughan armachd na Spàinne aig an àm.
 
== Ceanglaichean A-mach ==