An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Blàr Boyacá"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 3:
‘S e am blàr a dhearbhaich soirbheachas iomairt na neo-eisimeileachd ann an [[Granada Ùr]] agus fear dha na blàran na bu chudromaich ann an cogadh na neo-eisimeileachd ann an [[Aimearaga-a-Deas]] a bh’ann am Blàr Boyacá.
 
Chuir am "Blàr Boyacá" crìoch air iomairt dhe 77 a rinn [[Simón Bolívar]] airson [[Leas-Rìoghachd Ghranada Ùr]] a shaorachadh. Chuir ràith an uisge trom tropaigeach bacadh air a’ chogadh anns [[A’BheinisealaA' Bheiniseala]] is le sin dh’fhàg Bolívar [[Ciudad Bolívar|Angostura]], prìomh-bhaile na dùthcha sin aig an àm, is rinn e air na faichean mòra dhe Apure agus an uair sin chaidh e dha na faichean mòra ann an [[Casanare (Roinn)|Casanare]], far an do chuir e fòirne an t-Seanalair Santander ri chèile leis a chuid shaighdearan. An uair sin thug e ionnsaigh air seann thìrean na roinne [[Tunja]]. Bha Barreiro a’ feuchainn ri [[Bogotá]] a ruigsinn is feachdan an Leas-Rìgh [[Juan de Sámano]] a lorg air an rathad gu [[Boyacá (Roinn)|Boyacà]], an dèidh [[Blàr Pantano de Vargas]] a chall.
 
Thachair am blàr Disathairne 7 [[an Lùnasdal]] [[1819]]. Aig deich uairean sa mhadainn dh’òrdaich Bolívar nach leigeadh na feachdan aige dha na Rìoghairean a dhol thar na drochaide air an abhainn Teatinos, far am biodh na Rìoghairean a’ coinneachadh le Samacá. ‘S e rathad mòr rìoghail a bh’ann (Spàinntis: camino real). Chaidh na Poblachdaich, leis a’ chaiptean [[Diego Ibarra]] os an cionn, sìos aig dà uair feasgar agus chuir iad iongnadh air na Rìoghairean. Aig an aon àm bha an Seanalair Santander is a chuid shaighdearan a’ sabaid an aghaidh a’ chùl-choimhead rìoghail. Anns a’ bhad dh’ aontaich a’ mhòr-chuid dhe na Feachdan rìoghail aig Barreiro airson a shabaid an aghaidh cùl-choimhead an t-Seanalair [[José Antonio Anzoátegui]].