An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Saighdear"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 3:
‘S e fear neo tè a tha an sàs anns na feachdan armachd neo buidheann eile dhen sheòrsa th’ann '''saighdear'''.<ref>http://www.scotland.gov.uk/Topics/ArtsCultureSport/arts/gaelic/gaelic-english/Dictionary Faclair na Pàrlamaid</ref> Tha feadhainn ann a thaghas an [[dreuchdan|dreuchd]] sin gu saor-thoileach ach tha feadhainn eile a tha nan saighdearan o chionns gur e dleastanas nasgach anns an [[dùthaich]] aca. Thoir ùghdarrasan na stàite trèanadh agus [[acfhainn]] dhuibh airson na dùthcha a dhìon. Sgaraidh na feachdan armachd ann an caochladh bhuidhne, neo rèisimeidean, mar eisimpleir saighdear-coise, saighdear-mara, saighdear-tochlaidh neo saighdear-eachdraidh, etc).<ref>http://www.cairnwater.co.uk/gaelicdictionary/ Dwelly-D</ref>
 
‘S ann às an t-seann fhacal [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] '''saiget'''<ref>http://www.smo.uhi.ac.uk/sengoidelc/duil-belrai/ Dúil Bélrai</ref> (saighead) a thàinig am facal saighdear.‘S ann às an fhacal [[Laideann]] solidus (tuarasdal) a tha am facal airson saighdear anns a’ mhòr-chuid dhe na cànanan anns an [[Roinn Eòrpa]]: Soldato ([[Eadailtis]], Soldat ([[Catalanais]] agus [[Frangais]]), Soldado<ref>http://www.rae.es/rae.html Real Academia de la Lengua</ref> ([[Spàinntis]]).
 
Chan e làmh-chòmhraig a th’ann gach saighdear co-dhiù. Ged a gheibh a h-uile saighdear trèanadh bunaiteach fo armaibh, tha feadhainn ann a nì dreuchdan agus seirbheisean eile am broinn an [[Arm|Airm]] a bharrachd air a bhith dìreach a’ sabaid, mar eisimpleir gnothaichean clèireachail, solarachd, [[innleadaireachd]], sgrùdadh neo trèanadh.